An Aithris Fhèin
Tha Jo NicDhòmhnaill a' taghadh bà ird 's bana-bhà ird eile ag aithris 's a seinn an obair fhèin. Jo Macdonald selects poets reciting or singing their own work.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S iad bà ird 's bana-bhà ird ag aithris neo a' seinn dà in rudeigin aotram a chruthaich e neo i fhèin a th' aig Jo NicDhòmhnaill a seo 's i air cuid air a bheil sinn eòlach, agus 's dòcha cuid air nach eil sinn cho buileach eòlach, a thaghadh dhuinn à tasglann na Sgoile.
An-diugh tha Niall Peutan à Bhaltos an Eilean Sgitheanaich le Throid a’ Bhean; Murchadh MacPhà rlain, Bà rd Mhealboist a Leòdhas le 'B’fheà rr Leam gun Sguireadh tu Shileadh' agus le 'Bodach na Gloinne'; Mà iri NicIllEathain, Mà iri na Buaile à Griomasaigh an Uibhist a Tuath le 'Òran a’ Flu'; Cà iristìona NicDhòmhnaill, Cà iristìona Drogaidh à Nis le A' Luchag Bheag; Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìchael Ruadh à Cille Bhrìde an Uibhist a Deas le 'Òran a’ Bhodaich Fheannaig; Donnchadh Macleòid, Donnchadh Ruaraidh Chùbair à Beà rnaraigh na Hearadh le Òran na Stocainnean agus Anndra Linc, Anndra Hòrasairigh le Òran na Caillich uile rin cluinntinn.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 2 Dec 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Dec 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Dec 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal