Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha fògarraich Rohingya a’ toirt Facebook gu lagh airson cainnt gràineil nan aghaidh. Rohingya refugees to sue Facebook for hate speech.

Cluinnidh sinn bho Maureen NicLeòid mar a tha fògarraich Rohingya a’ toirt Facebook gu lagh airson 's gu bheil iad dhen bheachd nach eil a’ chompanaidh a’ cur stad air a' chainnt ghràineil a tha a’ sgapadh air an làrach mun deidhinn.
Tha 80 bliadhna bho thug Iapan ionnsaigh air Pearl Harbor 's gheibh sinn cothrom èisteachd ri còmhradh a rinn Coinneach MacÌomhair le Màiri Anna Cheanadach a bha na prìosanach cogaidh ann a Shanghai còmhla ris an duine aice 's an trìuir bhalaich. Chaidh an còmhradh a chlàradh ann a 2004, seachdain an dèidh do Mhàiri Anna 100 bliadhna a dh' aois a ruighinn.
Le gnè Omicron de Chovid a-nis a’ sgapadh ann an iomadh dùthaich air feadh an t-saoghail, innsidh an t-eòlaiche-siubhail, Daibhidh Byrne, dè na riaghailtean a th’ ann a thaobh a bhith a' siubhal aig àm na Nollaig.

57 minutes

Last on

Thu 9 Dec 2021 21:00

Broadcasts

  • Thu 9 Dec 2021 09:00
  • Thu 9 Dec 2021 21:00