Sgìre Earra Ghà idheal
Taghadh de dh' òrain à sgìre Earra Ghà idheal air a thoirt thugainn le Joy Dunlop. Songs form the Argyll area found in the School of Scottish Studies, brought to us by Joy Dunlop.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath tha Joy Dunlop dhar toirt cuairt tro na th' ann a tasglann Sgil Eòlais na h-Alba às a sgìre aice fhein, sin Earra Ghà idheal.
'S ann am Muile a tha i a' tòiseachadh leis a’ Chaiptean Dùghall MacCarmaig, Dùghall Iain Nèill Dhùghaill leis an òran luaidh ’S Daor a Cheannaich Mi Phòg; òran Lachann Mac an Lèigh, Lachann Dubh a’ Chrògain, Ma phòsas mi idir cha ghabh mi tè mhòr; Dòmhnall A MacNèill à Colbhasaigh a' seinn òran a rinn e dha bhean, A-null do Cholbhasaigh agus òran eil e a rinn Eà irdsidh MacNèill cuideachd à Colbhasaigh, O cha bhi Nollaig ann.
Gheibh sinn cuideachd cumha a rinn Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir, Cumha Chailein Ghlinn Iubhair; 'Hi il o 's na hug i horo' a rinn Donnchadh MacCuinn, à Baile a' Bhiocair, Eilean Shaoil; Eilean Ìdhe air a ghabhail le Iain Caimbeul agus 'A chaile dhubh a sgùlair' a rinn am bà rd Ìleach Iain MacEacharna air a sheinn le Iain Ceanadach.
Tha i a' crìochnachadh le òran a tha gu math freagarrach airson na sreath gu lèir - O Cumaibh Suas a’ Ghà idhlig, a chaidh a sgrìobhadh le fear a bha na Pròbhast san Òban is e air a sheinn le Ailean Gray.
Last on
Broadcasts
- Mon 13 Dec 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 13 Dec 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Dec 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal