Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann Loch

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 62: 6-7 air fonn St Mary’s agus ‘s e an t-Urramach Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann na Eaglais Shaor a’ Bhac.

Salm 43: 3-4 air fonn Free Church agus ‘s e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac.

Salm 51: 7-8 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Leughadh: 1 Timoteus 1: 1- 20
Ceann-teagaisg: 1 Timoteus 1: 15

S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha triùir a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fheìn, is caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

Last on

Sun 9 Jan 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 9 Jan 2022 09:00
  • Sun 9 Jan 2022 15:00