Rubha an Dùnain agus Gleann Conan
Seumas Dòmhnallach a' rannsachadh dà imh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich. James MacDonald explores families' ties to deserted villages on the Isle of Skye.
Tha Seumas Dòmhnallach a’ tòiseachadh a' phrògraim mu dheireadh san t-sreath seo ann an à ite eile air nach bi mòran a’ tadhal, Rubha an Dùnain ann am Minginis. B’ i dachaigh eachdraidheil Chlann ‘ic Asgaill a bha seo gus an do dh’ fhà g iad anns an 19mh linn. A’ coiseachd còmhla ri Seumas tha Cailean MacGillEathain aig a bheil dlùth cheangal ris an à ite agus do Chlann ‘ic Asgaill air taobh a mhà thar. Tha Cailean a’ sealltainn do Sheumas na tha ri fhaicinn agus a’ mìneachadh dha an ceangal a tha esan a’ faireachdainn ris an à ite san là a th' ann. Tha Seumas an uair sin a’ fà gail taobh siar an Eilein agus a’ dèanamh a shlighe air ais mu thuath gu ruige Thròndarnais a' bhruidhinn ri Seumas Caimbeul ann am Baile nan Cnoc ann an Gleann Conan. Seo à ite a tha fìor ainmeil am measg luchd-turais san là a th’ ann mar am ‘Fairy Glen’. Tha atharrachaidhean mòra air tighinn air an à ite seo agus tha Seumas ag innse mun cheangal a th’ aige fhèin ris an sgìre.
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Jan 2022 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 11 Jan 2022 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Jan 2022 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 3 Jan 2023 08:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal