Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Eile le Mà iri Anna NicUalraig
Sgeulachd fonn Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Èile, a tha ri chluinntinn aig Gà idheil agus Goill. Hì Hò Rò 's Na Hò Rò Èile, and the story of a tune heard among both Gaels and non-Gaels.
Cò às a thà inig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan inntinneach is annasach. Anns a’ phrògram sa, tha Coinneach a’ bruidhinn ri Mà iri Anna NicUalraig mun fhonn Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Èile - fonn a tha air nochdadh aig Goill is Gà idheil na h-Alba.
Mar a chluinneas sinn bho Mhà iri Anna, tha am fonn air a sheinn an-diugh an cois òran le Iain MacIllEathain, Bà rd Bhaile Mhà rtainn à Tiriodh. Ach tha e cuideachd ri chluinntinn aig seinneadaran sa Bheurla Ghallda, is e air òran Raibeart Burns, "Ae Fond Kiss".
Ge-tà , chan eil a seo ach aon eisimpleir den cheangal eadar Burns agus saoghal ciùil nan Gà idheal, agus tha tùs a' chiad fhuinn a chaidh a chur air Ae Fond Kiss le Burns toinnte dha-rìribh. Air cuairt claisneachd a tha a' gabhail a-steach seann chlarsairean nan ceann-feadhna, an sgaradh eadar ceòl dualchasach agus ceòl clasaigeach, agus saoghal ciùil Baroque an 18mh linn, tha a' loidhne iomadh-fhillte eadar Gà idheil is Goill na h-Alba air a shoilleireachadh tro mheadhan a' chiùil.
Last on
Broadcasts
- Mon 24 Jan 2022 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 24 Jan 2022 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jan 2022 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal