An t-Urr Jack MacLe貌id
Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Jack MacLe貌id (nach maireann) bho 1987. Gaelic religious archive service conducted by the late Rev Jack MacLeod, Point Free Church
Ann an D猫anamaid Adhradh 脿 tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach anns an Fhaoilleach 1987 c貌mhla ris an Urramach Jack MacLe貌id (nach maireann) bho Eaglais Shaor an Rubha.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm 脿gus an leughadh a leanas:
Salm 68: 20-21 air fonn Bangor agus Salm 24: 7-8 air fonn Moravia. Os cionn na seinn bha Murchadh MacLe貌id 脿s an Rubha le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ste貌rnabhaigh.
Leughadh Genesis 3: 1-20
Ceann-teagaisg: Genesis 3:15
Rugadh an t-Urramach Iain MacLe貌id (Jack) ann an Detroit, a' chiad mac aig Ceit agus Murchadh MacLe貌id 脿 Siabost. Dh'imrich athair is mathair Mhgr MhicLe貌id gu Detroit anns na ficheadan - gu h-iongantach ged a b' ann 脿 Siabost a bha an dithis 's ann an Detroit a choinnich iad agus a ph貌s iad. Rugadh Jack anns an 脪gmhios 1926 's cha robh e ach bliadhna a dh'aois nuair a thill iad air ais a Le貌dhas. Rugadh an c貌rr den teaghlach ann an Siabost; dithis nighean agus dithis ghillean.
Chaidh Mgr MacLe貌id a Bhun-sgoil Shiabost agus an uair sin gu 脌rd-sgoil MhicNeacail. Chaidh a ghairm dhan chogadh, dhan Chabhlach R矛oghail, agus theab e a bheatha chall d脿 thuras nuair a chaidh am b脿ta air an robh e a chur fodha ach cha do bhruidhinn e riamh m貌ran air mar a thachair dha. Thill Mgr MacLe貌id air ais a Shiabost 脿s d猫idh a' chogaidh agus th貌isich e ag obair air na cl貌ithtean.
Th脿inig atharrachadh na bheatha, agus dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd. Le gl猫 bheag de chothroman foghlaim aige roimhe seo, b'fheudar dha a dhol dhan oilthigh. Cheumnaich e 脿 Oilthigh Dh霉n 脠ideann agus chuir e seachad tr矛 bliadhna an uair sin ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann.
Choinnich Mgr MacLe貌id ri bhean Mairead nuair a bha e na oileanach ann an D霉n 脠ideann agus ph貌s iad 脿s d猫idh dha cead-searmonachaidh fhaighinn. Chuir e seachad a' chiad tr矛 bliadhna den mhinistrealachd na iar-mhinistear air coitheanal a' Ghearastain ann an Ontario, Canada.
Th脿inig iad a dh'fhuireach a Le貌dhas ann an 1959, far an deach a ph貌sadh ri Eaglais Shaor na P脿irce, coitheanal a bha e a' frithealadh airson ochd bliadhna. Ann an 1967, agus ceathrar a theaghlach a-nise aca, fhuair Mgr MacLe貌id gairm gu Eaglais Shaor Thoronto far an do chuir e seachad sia bliadhna.
Anns an 脪gmhios 1973, thill an teaghlach air ais dhan r矛oghachd agus chaidh Mgr MacLe貌id a ph貌sadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Lunainn far an robh e airson ceithir bliadhna. 'S ann aig Eaglais Shaor an Rudha a chr矛ochnaich Mgr MacLe貌id an obair aige mar mhinistear os cionn coitheanal agus chaidh a ph貌sadh ris a' choitheanal sin ann an 1977. Fhads a bha e na mhinistear an sin bha e gu math tinn airson 霉ine 脿s d猫idh obair-lannsa air a chridhe. Bha e na mhodar脿tair air 脌rd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1987. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Mar mhinistear air coitheanal bha Mgr MacLe貌id an c貌mhnaidh a' gabhail 霉idh anns na bha dol air adhart sa sg矛re far an robh e st猫idhichte. Bhiodh e dol gu coinneamhan anns a' choimhearsnachd agus an c貌mhnaidh a' toirt taic dhaibh. Bha 霉idh mh貌r aige ann am ball-coise cuideachd.
Chaidh Mgr MacLe貌id 's a bhean a dh'fhuireach a Shiabost airson grunn bhliadhnaichean 脿s d猫idh dha a dhreuchd a leigeil dheth ach mu dheireadh, ri linn d矛th na sl脿inte agus feum aige a bhith frithealadh an ospadail tric, ghluais iad a Ste貌rnabhagh. Anns an Iuchar 2001, d矛reach bliadhna mus do chaochail e, ged nach robh e cumail cho math, chaidh e gu banais a' chiad ogha aige anns an 脪laind. Chaochail Mgr MacLe貌id san Iuchar 2002.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 16 Jan 2022 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal