Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1176

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1176. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 2 Feb 2022 22:30

Clip

Litir 1176: Leabhar Dhèir (3)

Tha sinn a’ toirt sùil air na notaichean Gàidhlig ann an Leabhar Dhèir. Bha mi ag innse dhuibh mar a ghabh mac aig Bede galar. Bha sin an dèidh do Bhede, an ceannard Cruithneach ionadail, àite airson manachainn a dhiùltadh do Chalum Cille.Ìý

Seo na thachair an uair sin, mar a th’ aig Uilleam MacBhàtair anns an leabhar aige Rosg Gàidhlig: … chaidh am morair a dh’athchuinge nan clèireach gun dèanadh iad ùrnaigh leis a’ mhac chum tigeadh slàinte dha, agus thug e an ìobairt dhaibh o cloich an tiobrad gu ruige cloich Peit-mhic-Gharnaid.

Tha sin a’ ciallachadh gun do thuig Bede gun robh cumhachd aig na clèirich Chrìosdail. Dh’iarr e orra ùrnaigh a dhèanamh airson a mhic. Nan tigeadh piseach air, gheibheadh na clèirich am fearann a dh’ainmich Bede eadar cloich an tiobrad agus cloich Peit-mhic-Gharnaid.Ìý

A rèir Leabhar Dhèir, rinn na clèirich ùrnaigh agus thàinig slàinte don ghille. Cha do chùm Calum Cille am fearann dha fhèin, ge-tà. ʼS ann a thug e seachad e do a chompanach, Drostan. Seo na tha anns na notaichean anns an Leabhar: … thug Calum Cille do Dhrostan a’ chathair sin, agus bheannaich e i, agus dh’fhàg e am briathar – ge b’ e a sheasadh na h-aghaidh, nach biodh e bliadhnach, buadhach.

Dh’fhàg Calum Cille mallachd air duine sam bith a chuireadh an aghaidh na manachainn – nach biodh e bliadhnach, buadhach. Tha sin a’ ciallachadh nach biodh a bheatha fada no soirbheachail.Ìý

Nise, a bheil sibh eòlach air ¶Ùè¾±°ù ann an Siorrachd Obar Dheathain? Chan eil sgeul air a’ mhanachainn san latha an-diugh. Ach thathar a’ smaoineachadh gun robh i an ìre mhath far a bheil Old Deer. Ach dè as ciall don ainm Deer – no ann an Gàidhlig ¶Ùè¾±°ù? Uill tha an seantans mu dheireadh anns a’ chiad earrainn de na notaichean ag innse sin dhuinn – ma ghabhas e creidsinn: Thàinig »å±ðò¾±°ù Dhrostain air sgaradh ri Calum Cille. Labhair Calum Cille, ‘biodh ¶Ùè¾±°ù ainm bho seo a-mach. Anns an dàrna linn deug, chanadh na Gàidheil »åé²¹°ù²¹ far am bi sinne ag ràdh an-diugh »å±ðò¾±°ù. Tears. Mar sin, thàinig an t-ainm-àite ¶Ùè¾±°ù – no Deer – bho na »å±ðò¾±°ù a leig Drostan nuair a thill Calum Cille a dh’Eilean ÃŒ.Ìý

Cuimhnicheamaid gun robh an sgrìobhadair beò mu shia ceud bliadhna an dèidh turas Chaluim Chille a Dhèir. ʼS dòcha gun robh an cunntas ann am beul-aithris air a chruthachadh airson an t-ainm a mhìneachadh. Ach, air an làimh eile, chan eil mìneachadh eile agam.

Dh’fhalbh Calum Cille a dh’Ì, ach dè thachair do Dhrostan? Cò bh’ ann an Drostan? Gu fortanach dhuinn, tha cunntas air anns an leabhar ainmeil Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain no Breviarium Aberdonense. Chaidh a chur an clò ann an còig ceud deug is deich (1510). Tha e ag innse dhuinn gun robh Drostan na aba agus gun robh a latha fèille air a’ cheathramh latha deug dhen Dùbhlachd. Tuilleadh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Leabhar Dhèir: The Book of Deer; galar: disease; mallachd: curse; cuimhnicheamaid: let us remember; mìneachadh: explanation; Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary.Ìý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: an dèidh do Bhede, an ceannard Cruithneach ionadail, àite airson manachainn a dhiùltadh do Chalum Cille: after Bede, the local Pictish leader, refused Columba a place for a monastery; chaidh am morair a dh’athchuinge nan clèireach gun dèanadh iad ùrnaigh leis a’ mhac chum tigeadh slàinte dha: the mormaer went to beseech the clerics that they pray with the son in order that health would come to him; thug e an ìobairt dhaibh o cloich an tiobrad gu ruige cloich Peit-mhic-Gharnaid: he gave them the offering [of land] from cloch an tiobrad to cloch Peit-mhic-Gharnaid; gun robh cumhachd aig na clèirich Chrìosdail: that the Christian clerics were powerful; rinn na clèirich ùrnaigh: the clerics prayed; thàinig slàinte don ghille: health came to the lad; cha do chùm Calum Cille am fearann dha fhèin: Columba didn’t keep the land to himself; ʼs ann a thug e seachad e do a chompanach: he gave it to his companion; thug Calum Cille do Dhrostan a’ chathair sin, agus bheannaich e i: Columba gave that place to Drostan; dh’fhàg e am briathar – ge b’ e a sheasadh na h-aghaidh, nach biodh e bliadhnach, buadhach: he left the statement – whoever might stand against it, that he would not be long-living or successful; chan eil sgeul air a’ mhanachainn: there is no sign of the monastery; anns an dàrna linn deug, chanadh na Gàidhlig »åé²¹°ù²¹ far am bi sinne ag ràdh an-diugh »å±ðò¾±°ù: in the twelfth century, the Gaels would say »åé²¹°ù²¹ where we today say »å±ðò¾±°ù; thàinig »å±ðò¾±°ù Dhrostain air sgaradh ri Calum Cille: Drostan’s tears came when separating from Columba; labhair Calum Cille, ‘biodh ¶Ùè¾±°ù ainm bho seo a-mach: Columba said, ‘let Déir be its name henceforth’; dè as ciall dha?: what does it mean?; cò bh’ ann an Drostan?: who was Drostan?; chaidh a chur an clò: it was printed; gun robh X na aba: that X was an abbot; gun robh a latha fèille air a’ cheathramh latha deug dhen Dùbhlachd: that his feast-day was on the 14th of December.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Seo an rosgrann gu lèir: here is the entire sentence. Throughout the rest of the text I have used the English loanword seantans as a translation for ‘sentence’. However, there is an older word rosgrann, that we shouldn’t forget. It is based on rosg ‘prose’ and rann ‘verse, stanza, portion’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: ma ghabhas e creidsinn: if it can be believed.

Broadcasts

  • Sun 30 Jan 2022 14:55
  • Wed 2 Feb 2022 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast