Main content
Sorry, this episode is not currently available

Atharrachadh san Iasgach

Murchadh MacIllFhinnein à Marabhaig ag innse mu bheatha ag iasgach do dh' Annella Nicleòid. Murdo Maclennan from Marvig tells Annella Macleod of his life spent fishing.

'S e iasgair a th' ann a Murchadh MacIllFhinnein, Murchadh Aonghais Dhòmhnaill à Marabhaig, an ceann a deas sgìre na Loch air taobh sear Eilean Leòdhais, gu chùl; an duine bho dheireadh a bha ag iasgach a’ sgadain a Leòdhas a th‘ air sgeul an-diugh agus e a‘ sreap ri ceithir fichead ’s a còig deug. Rugadh e ann an 1928 agus thòisich a bheatha iasgaich aig aois gu math òg. Cha deach a thogail dhan chogadh ri linn cuing agus bha e ag iasgach a-mach à Steòrnabhagh fad bhliadhnaichean a' chogaidh 's fad dà fhichead bliadhna às dèidh sin. Còmhla ris air an h-aon eathraichean fad nam bliadhnaichean sin bha a dhithis bhràithrean, Donnchadh ‘s Murdo John, le bhràthair Domhnall còmhla riutha greiseag cuideachd.

A seo tha e ag innse do dh' Annella Nicleòid mun iasgach a bhiodh iad ris a thuilleadh air iasgach a' sgadain - iasgach an an èisg ghil agus iasgach nam muasgan-caola.

30 minutes

Last on

Sun 20 Mar 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 14 Mar 2022 12:00
  • Mon 14 Mar 2022 22:00
  • Sun 20 Mar 2022 13:00