Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1182
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1182. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 16 Mar 2022
22:30
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 878
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1182
Duration: 05:00
Litir 1182: Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (1)
Tha mi airson seann sgeulachd à Muile aithris dhuibh. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Locha Buidhe ʼs a Dhà Bhuachaille’.Â
Bha dà bhuachaille aig tighearna Locha Bhuidhe. Thà inig bean an »åà °ù²Ô²¹ buachaille gu taigh a’ bhuachaille eile. Bha rudeigin a’ goil ann am poit air teine.
‘Dè th’ agad sa phoit?’ ars an tè a thà inig a-steach.
‘Brochan,’ fhreagair an tè eile.
‘Dè an seòrsa brochain?’Â
‘Dubh-bhrochan,’ thuirt an tè a bha a-staigh. ʼS e brochan tana a bh’ ann, air a dhèanamh de mhin-choirce. Cha robh feòil no glasraich ann.
‘Hut,’ thuirt an tè a bha a’ dèanamh cèilidh. ‘ʼS e an cèile agad an duine truagh. Tha daimh gu leòr aig an uachdaran. Cha dèanadh e cron air nan cailleadh e fear. Cuiridh mi an duine agam a-null a-nochd. Faodaidh esan agus an duine agad fhèin falbh còmhla agus fear de na daimh a thoirt dhachaigh leotha.’
Nuair a thà inig an oidhche, chuir a’ bhean seo an duine aice a-null gu taigh a’ bhuachaille eile. ‘Fanaidh mise anns a’ choille,’ thuirt esan ris an fhear eile. ‘Thalla thus’ don bhuaile. Goid an damh agus thoir thugam e. Bheir mise dhachaigh e. Ma dh’fhaighnicheas duine dhìom an do ghoid mi an damh, canaidh mi nach do ghoid. Agus bidh an fhìrinn agam. Ma dh’fhaighnicheas duine dhìotsa an tug thu an damh dhachaigh, canaidh tu nach tug. Agus bidh an fhìrinn agad. Bidh an dithis againn ag innse na fìrinn!’
Dh’fhalbh iad mar sin don choille. Thog iad teine ann. Bha fear de na buachaillean a’ dol a dh’fhuireach aig an teine. Bha am fear eile a’ dol a ghoid an daimh.
Aig an à m sin, bha cumhachd aig tighearna duine a chrochadh gu bà s airson cron no eucoir, gun a bhith a’ dol gu cùirt-lagha. Agus, mar a thachair e, bha Locha Buidhe air fear a chrochadh an latha sin fhèin, anns an aon choille ʼs an robh na buachaillean.Â
Fhad ʼs a bha an dà bhuachaille ris a’ phlòigh aca, bha buidheann de dh’uaislean còmhla ann an taigh mòr Locha Bhuidhe. Bha iad a’ cur geall nach biodh aon duine aig Locha Buidhe treun gu leòr gus a dhol a-steach don choille agus ²ú°ùò²µ a thoirt far cas an duine a chaidh a chrochadh.
Bha Locha Buidhe feargach. Chuir e airgead air a’ bhòrd. Dh’iarr e air fear de na daoine aige – fear MacPhà idein – ²ú°ùò²µ an duine mhairbh a thoirt air ais leis gus gum buannaicheadh e an geall.Â
Dh’aontaich MacPhà idein agus dh’fhalbh e don choille anns an dorchadas. Ach nuair a thà inig e faisg air là rach a’ chrochaidh, ʼs ann a chunnaic e fear a’ dèanamh a gharaidh aig teine. Bha MacPhà idein dhen bheachd nach robh an duine ‘marbh’ marbh idir!
Thill e don taigh mhòr na dheann. Nuair a chaidh a cheasnachadh mun chùis, thuirt e gun robh an duine a chaidh a chrochadh beò agus ri taobh teine. Agus dh’fhà g MacPhà idein a’ bhròg far an robh i – air cas an duine!
Bha na h-uaislean cho sona ri ... uill ... ²ú°ùò²µ! ‘Mar a thuirt sinn, a Locha Bhuidhe ...’ thuirt iad, ‘Bha fios againn nach robh agad mar luchd-obrach ach gealtairean!’ Fhuair MacPhà idein an uair sin trod bho chuideigin eile anns an t-seòmar, mar a chì sinn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Muile: Mull; tighearna: lord; a’ goil: boiling; brochan tana: thin porridge; min-choirce: oatmeal; feòil: meat; glasraich: vegetables; plòigh: prank, enterprise; uaislean: gentry; MacPhà idein: MacFadyen; na dheann: in a hurry; gealtairean: cowards; trod: scolding.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Locha Buidhe ʼs a Dhà Bhuachaille: [the laird of] Lochbuie and his two herdsmen; an tè a bha a’ dèanamh cèilidh: the woman who was visiting; ʼs e an cèile agad an duine truagh: your husband is the [a] poor man; tha daimh gu leòr aig an uachdaran: the landlord has enough oxen; cha dèanadh e cron air nan cailleadh e fear: it wouldn’t harm him if he lost one; fanaidh mise anns a’ choille: I’ll remain in the wood; thalla thus’ don bhuaile: you go to the fold; goid an damh agus thoir thugam e: steal the ox and bring it to me; ma dh’fhaighnicheas duine dhìotsa an tug thu an damh dhachaigh, canaidh tu nach tug: if a person asks you if you took the ox home, you’ll say you didn’t; bidh an fhìrinn agad: you’ll be telling the truth; bha cumhachd aig tighearna duine a chrochadh gu bà s airson cron no eucoir, gun a bhith a’ dol gu cùirt-lagha: a laird had the power to hang a person to death for a harm or crime, without going to a court of law; bha X air fear a chrochadh an latha sin fhèin: X had hanged a man that very day; a’ cur geall nach biodh aon duine treun gu leòr: betting that not one person would be brave enough; gus a dhol a-steach don choille agus ²ú°ùò²µ a thoirt far cas an duine a chaidh a chrochadh: to enter the wood and take a shoe from the foot of the man who had been hanged; a’ dèanamh a gharaidh aig teine: warming himself at the fire.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thà inig bean an »åà °ù²Ô²¹ buachaille gu taigh a’ bhuachaille eile: the wife of the first [‘second’] herdsman came to the house of the other herdsman. Note the use of »åà °ù²Ô²¹ here, rather than ciad. Also note that buachaille is not lenited following »åà °ù²Ô²¹, even in the genitive case. Compare deireadh a’ Chiad Chogaidh (with lenition) and deireadh an Dà rna Cogaidh (no lenition).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cho sona ri ²ú°ùò²µ: as happy as a shoe [i.e. really happy]. This is thought to refer to how the upper parts of shoes would part from the sole leaving what looks like a happy mouth.
Broadcasts
- Sun 13 Mar 2022 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Mar 2022 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.