Main content
Sorry, this episode is not currently available

A Bheatha san Eaglais

Murchadh MacIllFhinnein à Marabhaig ag innse mu bheatha san eaglais do dh' Annella Nicleòid. Murdo Maclennan from Marvig tells Annella Macleod of his life in the church.

'S e iasgair a th' ann a Murchadh MacIllFhinnein, Murchadh Aonghais Dhòmhnaill à Marabhaig, an ceann a deas sgìre na Loch air taobh sear Eilean Leòdhais, gu chùl; an duine bho dheireadh a bha ag iasgach a’ sgadain a Leòdhas a th‘ air sgeul an-diugh agus e a‘ sreap ri ceithir fichead ’s a còig deug. Rugadh e ann an 1928 agus thòisich a bheatha iasgaich aig aois gu math òg. Cha deach a thogail dhan chogadh ri linn cuing agus bha e ag iasgach a-mach à Steòrnabhagh fad bhliadhnaichean a' chogaidh 's fad dà fhichead bliadhna às dèidh sin. Còmhla ris air an h-aon eathraichean fad nam bliadhnaichean sin bha a dhithis bhràithrean, Donnchadh ‘s Murdo John, le bhràthair Domhnall còmhla riutha greiseag cuideachd.

Thog Murchadh fianais san eaglais na dhuin' òg 's tha e air a bhith na èildear bho 1958 agus air a bhith os cionn na seinn san eaglais nas fhaide na sin. A seo, ann an Eaglais na Pàirce an Ghrabhair, tha e còmhla ri Annella Nicleòid 's e a' toirt dhuinn eachdraidh na h-eaglaise, a' cuimhneachadh air mar a bha òrdaighean dham frithealaadh agus ag innse mar a thàinig e fhèin gu bhith na Chrìosdaidh.

30 minutes

Last on

Sun 3 Apr 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 28 Mar 2022 12:00
  • Mon 28 Mar 2022 22:00
  • Sun 3 Apr 2022 13:00