Agnes Mitchell - An Eaglais Abstolach
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge còmhla ri Agnes Mitchell bhon Eaglais Abstolach. Agnes Mitchell from the Apostolic Church with this year's service for Easter Sunday.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
A’ seinn Mìorbhail Grà is tha Raonaid Walker.
Muireall Urchardan a’ seinn An Criosd’ A-Mhà in
Donaidh Murdo MacLeòid a’ seinn Cia Domhainn Grà dh an Athar Dhuinn
Agus Còisir Eaglais Naomh Peadar a’ seinn An Crann-Ceusaidh.
Leughadh: Eòin 20 : 1-9
Rugadh Agnes Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a 'Faith Mission' ann an Dùn Èideann far an d’fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.
Ghluais i a Chanada far an robh Agnes a' sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann an Vancouver agus bha Daibhidh, an duine aice, na mhinistear anns an Eaglais Congregational ann an Canada bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha anns a' choitheanal. Tha ceathrar chloinne aca agus tha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.
Tha Agnes air seirbheisean Gà idhlig a chlà radh air-loidhne airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu. Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta airson còrr air deich bliadhna.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 17 Apr 2022 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Apr 2022 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal