Main content
Sorry, this episode is not currently available

Slàinte-Inntinn, Seasaidh NicLachlain agus John Stonehouse

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Lèirmheas air a' phrògram The Spy Who Died Twice, a bha air Sianal 4 Diluain far an robhar a' toirt sùil às ùr air eachdraidh-beatha John Stonehouse a bha na Bhall-pàrlamaid san Rioghachd Aonaichte sna 70an.

Theid Duais Leabhair na Gàidhealtachd a thoirt seachad air an 26mh den mhìos. Tha ceithir leabhraichean air geàrr-liosta na bliadhna seo agus eadar seo agus deireadh na mìos tha sinn gu bhith a' beachdachadh air gach leabhar. A' tòiseachadh le Shelagh Chaimbeul a' toirt a barail fhèin air an leabhar In a Veil Of Mist le Dòmhnall Moireach.

Chaidh cuirm a chumail Dihaoine a chaidh aig cladh Choille Chairt ann an ceann a deas Ghlaschu a’ comharrachadh an obair a rinn Màiri Anna NicUalraig, Priscilla Scott agus Wilson Macleòid am measg eile gus clach-cuimhne seasaidh NicLachlain a chàradh agus cuimhne ath-dhùsgadh air a beatha agus a cuid ciùil.

Agus le Seachdain Nàiseanta Slàinte-Inntinn air tighinn gu ceann tha Iain Don MacÌomhair a' toirt dhuinn a sgeulachd phearsanta fhèin.

57 minutes

Last on

Sun 15 May 2022 12:00

Broadcast

  • Sun 15 May 2022 12:00