Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urramach Eachann MacCoinnich

Seirbheis Ghaidhlig còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san arm. Gaelic service conducted by Rev Hector MacKenzie, Padre in the army

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus na leughaidhean a leanas:
Salm 82: 3-4 air fonn Walsall agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.

Orcastra Gaelforce a’ cluich an fhuinn airson an laoidh 'O For a Closer Walk With God' air fonn Martyrdom.

Donaidh Murchadh MacLeòid a’ seinn, Cia Domhainn Gràdh ar n-Athar Dhomh.

Leughadh:
R`omanaich 12: 1- 11
Ceann-teagaisg : Romanaich 12

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise steidhichte ann an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.

Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam beann nuair a bhios an cothrom aige agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan Gàidheal.

30 minutes

Last on

Sun 6 Aug 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 5 Jun 2022 09:00
  • Sun 5 Jun 2022 15:00
  • Sun 6 Aug 2023 09:00
  • Sun 6 Aug 2023 15:00