Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1196
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1196. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Jun 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 892
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1196
Duration: 05:00
Litir 1196: An Long a Chaidh a dh'Ameireagaidh (3)
Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich an seann duine – a bh’ ann an riochd eich.
‘Rinn,’ fhreagair Iain.Â
‘Leum air mo mhuin,’ ars an t-each.
Dh’fhalbh iad agus rà inig iad loch. ‘Thalla don trà igh an sin,’ thuirt an t-each. ‘Tha iasg mòr oirre, air talamh tioram. Cuir a-mach don loch e. Can ris gu bheil thu an dòchas gun cuimhnich e thu.’
Rinn Iain sin agus thill e far an robh an t-each. ‘An do rinn thu mar a dh’iarr mi ort?’ dh’fhaighnich an t-each.
‘Rinn,’ thuirt Iain. ‘Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi.’
Dh’fhalbh iad a-rithist agus rà inig iad caisteal prà ise. ‘Thalla don chaisteal,’ thuirt an t-each. ‘Chì thu seòmraichean là n òir is airgid. Na bean ri dad a chì thu ann.’
Chaidh Iain don chaisteal agus chunnaic e na seòmraichean a bha là n òir is airgid. Air an rathad a-mach, chunnaic e pasg de dh’itean geòidh. Shaoil e gun toireadh e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh.
Nuair a thill e, thuirt an t-each ris, ‘Cha do bhean thu ri dad, Iain ... cha tug thu dad leat...?’
‘Cha tug,’ dhearbh Iain. Leum e air muin an eich agus chaidh iad gu lùchairt Rìgh.
‘Thalla a-steach,’ thuirt an t-each. ‘Faighnich dhen Rìgh a bheil e ag iarraidh clèireach.’ Chaidh Iain a-steach. Fhuair e a-mach gun robhar a’ sireadh clèireach a bhiodh ag obair fo stiùir à rd-chlèireach. Dh’aontaich am bodach gun gabhadh Iain an obair. ‘Ma thig èiginn ort, ge-tà ,’ thuirt e, ‘cuimhnich orm agus thig mi far am bi thu.’
Thòisich Iain air obair fo stiùir an à rd-chlèirich. Cha do chòrd na pinn a bh’ aca ris. Chuimhnich e gun tug e ite leis bhon chaisteal phrà ise. Rinn e peann dhith. Bha e a’ sgrìobhadh ann an dòigh shnasail, iongantach. Cha do chòrd an sgrìobhadh math sin ris an à rd-chlèireach. Bha an t-eagal air gum faigheadh Iain a bhith os a chionn fhèin.
Latha a bha seo, nuair a bha Iain a-muigh, dh’fheuch an t-à rd-chlèireach am peann. Bha an sgrìobhadh aige cho math ri sgrìobhadh Iain! Dh’inns e don Rìgh mu dheidhinn. Dh’fheuch an Rìgh am peann agus bha an sgrìobhadh aige fhèin cho snasail ris an dithis eile. Chuir e fios air Iain. Thuirt e ris, ‘Cà it an d’ fhuair thu am peann agad?’
‘Anns a’ chaisteal phrà ise,’ fhreagair Iain.
‘Aha!’ ars an Rìgh. ‘Thalla is thoir baintighearna a’ chaisteil phrà ise an seo. Tha mi airson a pòsadh.’
‘Chan urrainn dhomh,’ ars Iain.
‘Feumaidh tu,’ dhearbh an Rìgh. ‘No thèid do chrochadh.’
Chaidh Iain do a sheòmar fhèin agus thòisich e air caoineadh. Thuirt e ris fhèin, ‘Bhiodh e math nam biodh an seann duine liath an seo!’
Thà inig an seann duine. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Iain an suidheachadh dha. ‘Cuiridh mi geall gun do bhean thu ri rudeigin sa chaisteal phrà ise,’ thuirt am bodach.
‘Dìreach ite. Sin uile.’ Thug am bodach trod dha. An uair sin, leum Iain air a mhuin agus dh’fhalbh iad. Rà inig iad cladach. Chunnaic iad an caisteal prà ise air taobh thall caolais. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: trà igh: beach; caisteal prà ise: a brazen castle (made of brass); lùchairt: palace; thalla a-steach: go in; baintighearna: lady; caoineadh: weeping.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh: The Ship that Went to America; an do rinn thu na mi dh’iarr mi ort?: did you do what I asked you; ann an riochd eich: in the form of a horse; leum air mo mhuin: jump on my back; tha iasg mòr oirre, air talamh tioram: there is a big fish on it, on dry land; seòmraichean là n òir is airgid: rooms full of gold and silver; pasg de dh’itean geòidh: a bundle of goose feathers; gun toireadh e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh: that he would take one of the feathers with him to make a pen; cha tug thu dad leat ...?: you didn’t take anything with you?; faighnich a bheil e ag iarraidh clèireach: ask if he wants a clerk; a bhiodh ag obair fo stiùir à rd-clèireach: who would work under the direction of a chief clerk; ma thig èiginn ort: if you get into trouble; cuimhnich orm agus thig mi far am bi thu: remember [think of] me and I’ll come where you are; ann an dòigh shnasail, iongantach: in an elegant and amazing way; cha do chòrd an sgrìobhadh ris an à rd-chlèireach: the chief clerk didn’t like the writing; gum faigheadh X a bhith os a chionn fhèin: that X would come to be above him; chuir e fios air: he sent for; thèid do chrochadh: you will be hanged; dè tha a’ cur ort?: what’s upsetting you?; cuiridh mi geall: I’ll bet; air taobh thall caolais: on the other side of a strait.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Na bean ri dad a chì thu ann: don’t touch anything you see there. Bean (a’ beantainn) means ‘touch, handle, meddle with’. Na bean ris ‘don’t touch it’. There is some ‘confusion’ between this verb and the verb bun (a’ buntainn) which can also mean ‘meddle with, touch, handle’. Bean usually uses the preposition ri e.g. bha i a’ beantainn ri gach rud ‘she was touching everything’. On the other hand buin usually uses the preposition do as in the expression an rud nach buin dhut, na buin dha ‘the thing that doesn’t meddle with you, don’t meddle with it’ (i.e. mind your own business). But, because of the ‘confusion’ between the verbs, sometimes the prepositions swap around, so we get bean do and buin ri!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi: the fish said that he would remember me.
Broadcast
- Sun 19 Jun 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.