Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/07/22 le Cathy NicDhòmhnaill

Tha cùbhrachdan na h-80an air ais san fhasan. Dè 'n fheadhainn a b' fheàrr leibh? Sales of retro 80s perfumes are booming. Which ones did you cherish?

Nuair a bha Ruaraidh G MacIllEathain a’ fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, ‘Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys’ – dìreach na faclan sin. B' e co-ogha dhi a bh' ann an Daibhidh agus tha Ruaraidh air leabhar a sgrìobhadh mu dheidhinn. Tha an leabhar, Cha Till Mise, ga chuir air bhog ann a Leòdhas a-nochd agus tha Ruaraidh ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.

Am bi na speuran air an lìonadh a dh'aithghear le drònaichean? Bruidhnidh sinn ri fear a bhios tric gan sgèith.

Tha cùbhrachdan na h-80an air ais san fhasan a rèir choltais. Dè a' chuimhne a th' agaibhse air Red Door, Opium, Anais Anais is eile? Dè a' chiad fheadhainn air a bheil cuimhne agaibh agus dè an fheadhainn a b' fheàrr leibh tro na bliadhnaichean?

57 minutes

Last on

Thu 28 Jul 2022 22:25

Broadcasts

  • Thu 28 Jul 2022 09:00
  • Thu 28 Jul 2022 22:25