Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1206

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1206. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 28 Aug 2022 13:55

Clip

Litir 1206: Cartadh gun Rùsg

Bha mi a’ toirt sùil air an leabhar ainmeil aig an Oll. Somhairle MacIain, no Samuel Johnson – A Journey to the Western Islands of Scotland. Tha e mu dheidhinn turas a ghabh e fhèin agus Seumas Boswell air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773). 

Nise, ʼs e fear de na lusan beaga as fheàrr leam fear ris an canar ‘cairt-làir’. Tha flùraichean beaga buidhe air. Anns gach flùr tha ceithir flùr-bhileagan. Tha cairt-làir a’ ciallachadh ‘rùsg a tha a’ fàs air an talamh’. Ann am Beurla, canaidh daoine tormentil ris.

Carson as e ‘cairt-làir’ a th’ air an lus? Uill, anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cleachdadh cairt craoibhe – no rùsg craoibhe, gu h-àraidh rùsg-daraich – airson leathar agus lìn a chartadh. To tan leather and nets. Airson leathar agus lìn a chartadh. Tuigidh sibh gu bheil cartadh a’ ciallachadh tanning. Ge-tà, far an robh craobhan-daraich gann, bhiodh daoine a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir airson cartadh.

Chòrd e rium anns an leabhar aig Somhairle MacIain gun do rinn e iomradh air sin. Bha e anns an Eilean Sgitheanach agus sgrìobh e gum fac’ e daoine a’ cur bhrògan dhen t-seann seòrsa gu feum. Bha e a’ ciallachadh le sin ‘brogues’.

Sgrìobh e gun robh iad a’ dìon chasan daoine bho chlachan ach nach robh iad a’ cumail uisge a-mach. Bha iad air an dèanamh roimhe de pheallagan – seichean amh. Leis nach robh an leathar air a chartadh, cha robh na ‘brògan’ a’ maireachdainn fada – tha MacIain ag ràdh dìreach dà latha. 

Saoilidh mi gu bheil e a’ dèanamh tuairisgeul de chuarain, seach brògan. Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn: Cuaran – sock, brogue of untanned skin, commonly worn with the hairy side outwards. Tha MacIain ag ràdh, ge-tà, gur ann an rathad eile a bha iad – leis an taobh ròmach air an taobh a-staigh, seach air an taobh a-muigh. 

Co-dhiù, tha MacIain ag ràdh gun robhar a’ cartadh an leathair le rùsg-daraich mar a bhitheadh ann an ‘àiteachan eile’ no le bèilleag no freumhaichean na cairt-làir.

Nise, dh’ionnsaich mi rud ùr bhon chunntas aig MacIain. Sgrìobh e gun robh freumhaichean na cairt-làir air am moladh do luchd-cartaidh na h-Èireann le cuideigin a fhuair duais air a shon bho phàrlamaid na dùthcha sin. 

A bheil sin a’ ciallachadh gur e rud ùr a bh’ ann aig an àm sin ann an Alba cuideachd? Nach robh fios aig muinntir na h-Alba roimhe sin gum biodh freumhaichean na cairt-làir feumail airson cartadh? Chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, tràth anns an ochdamh linn deug, bha craobhan-daraich a’ fàs gann ann an Èirinn. Rinn Uilleam Maple rannsachadh air a’ chùis. Sgrìobh e agus dh’fhoillsich e leabhran mu a deidhinn ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829). Fhuair e duais luach dà cheud not bhon Phàrlamaid airson a chuid obrach. ʼS e an tiotal a th’ air an leabhran ‘A Method of Tanning without Bark’.Ìý

Saoilidh mi gur e fear na Beurla a bh’ ann am Maple. Ach, anns a’ chunntas aige, tha e a’ toirt dhuinn còig diofar ainmean air an lus ann an Gàidhlig na h-Èireann. Rinn e obair mhath. 

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: An t-Oll. Somhairle MacIain: Dr Samuel Johnson; cairt, rùsg: bark; peallagan, seichean amh: raw hide(s); cuaran: sock, old brogue of untanned skin (also used for an open leather sandal); bèilleag: birch bark; freumhaichean na cairt-làir: tormentil roots.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: turas a ghabh e fhèin agus Seumas Boswell air a’ Ghàidhealtachd: a tour that he and James Boswell took in the Highlands; anns gach flùr tha ceithir flùr-bhileagan: in every flower there are four petals; bhiodh daoine a’ cleachdadh rùsg craoibhe, gu h-àraidh rùsg-daraich: people would use tree bark, particularly oak bark; airson leathar agus lìn a chartadh: to tan leather and nets; gun do rinn e iomradh air: that he mentioned; gum fac’ e daoine a’ cur bhrògan dhen t-seann seòrsa gu feum: that he saw people putting shoes of the old type to use; a’ dìon chasan daoine bho chlachan: protecting people’s feet from stones; ach nach robh iad a’ cumail uisge a-mach: but that they weren’t keeping water out; cha robh X a’ maireachdainn fada: X weren’t lasting long; leis an taobh ròmach air an taobh a-staigh: with the hairy side on the inside; air am moladh do luchd-cartaidh na h-Èireann: recommended to the tanners of Ireland; le cuideigin a fhuair duais air a shon bho phàrlamaid na dùthcha sin: by somebody who received a prize for it from that country’s parliament; bha craobhan-daraich a’ fàs gann ann an Èirinn: oak trees were becoming scarce in Ireland; dh’fhoillsich e leabhran: he published a booklet/pamphlet; luach dà cheud not: worth two hundred pounds; tha e a’ toirt dhuinn còig diofar ainmean air an lus ann an Gàidhlig na h-Èireann: he gives us five different names for the plant in Irish Gaelic.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: ʼs e fear de na lusan beaga as fheàrr leam …: one of the small plants I like best is … This is a good structure to remember and to try to use. Dè as fheàrr leat ‘what do you prefer’? ʼS e leann as fheàrr leam ach òlaidh mi fìon ‘it’s beer I like best, but I’ll drink wine’. Dè as fheàrr le Seumas – ìm no margarain? ‘what does James prefer – butter or margarine?’ ʼS e margarain as fheàrr leis ‘it’s margarine he prefers’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: far an robh craobhan-daraich gann: where oak trees were scarce.

Broadcast

  • Sun 28 Aug 2022 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast