Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1209
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1209. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 18 Sep 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 905
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1209
Duration: 05:00
Litir 1209: Ceatharnach Shiaboist (1)
Tha mi airson ur toirt gu taobh siar Leòdhais an t-seachdain seo. Tha mi airson sgeulachd innse dhuibh a bhuineas don sgìre sin. ʼS e an t-ainm a th’ oirre Ceatharnach Shiaboist ‘The Shawbost Freebooter’. Tha dreach dhen sgeul – a tha gu math fada – ann an cruinneachadh a rinn fear ainmeil a bhuineadh do Shiabost – Tormod Moireasdan, Tormod an t-Seòladair. Cha toir mi dhuibh ach geà rr-chunntas dhen sgeul.
Deas air Siabost, tha beinn air a bheil, air na mapaichean, Beinn Bhrà gair. ʼS e ‘Beinn Mhòr’ a chanadh Tormod còir rithe. Shuas an sin bha seòrsa de bhothan air a dhèanamh de chloich. ʼS e ‘Both a’ Mhèirlich’ a chanadh daoine ris. Tha an sgeul ag innse dhuinn mar a fhuair e ainm.
O chionn fhada, math dh’fhaodte anns an t-siathamh linn deug, thog coigreach e agus chaidh e a dh’fhuireach ann. Thathar a’ smaoineachadh gur e mèirleach a bh’ ann no, co-dhiù gun robh e a’ teicheadh bho na h-ùghdarrasan-lagha. Cha robh fios aig daoine eile gun robh e ann.
Latha brèagha samhraidh a bha seo, bha dithis a-muigh anns a’ mhonadh deas air Siabost. B’ iad sin Alasdair Moireasdan, am mac a bu shine aig ceann-cinnidh nam Moireasdanach, agus a cho-ogha Ùisdean MacAmhlaigh. Bha iad a’ sealg agus ghabh iad rathad aithghearr dhachaigh tarsainn na Beinne Mòire. Faisg air a’ mhullach, chunnaic iad am bothan. Bha plaide de bhreacan Cloinn ʼic Leòid thairis air an doras.Â
Gu socair, sà mhach, thug Alasdair Moireasdan sùil a-staigh. Bha fear na chadal ann. Na là imh dheis, bha biodag. Ri a thaobh, air an là r, bha bogha, saighdean agus claidheamh.Â
Bha am Moireasdanach dhen bheachd gur e fear-brathaidh a bh’ ann, a’ faighinn fiosrachadh mu na bailtean faisg air là imh – Siabost agus Brà gar. Aig an à m sin, bha Clann ʼic Leòid agus na Moireasdanaich nan nà imhdean.Â
Bha cothrom aig an dithis an coigreach a mhurt, ach leig iad seachad e. ʼS e daoine onarach a bh’ annta. Cha robh fios aca le cinnt gun robh droch rùn aig a’ choigreach air muinntir na sgìre. Roghnaich iad an sùilean a chumail air a’ Bheinn Mhòir agus nach canadh iad guth mun chùis ri duine eile.
Chaidh mìos seachad agus cha do thachair cà il. Bha Alasdair agus Ùisdean dhen bheachd gur dòcha gun robh an coigreach air teicheadh gu sgìre eile. Latha a bha seo, ge-tà , bha dithis bhoireannach a-muigh a’ sgrìobadh crotal bho chreagan air cliathaich na Beinne Mòire. Bha iad a’ dol a dhathadh clò leis an dath bhon chrotal.
Chunnaic iad fear a’ gluasad os an cionn. Bha iad amharasach mu dheidhinn. Bha e a’ gluasad air a là mhan ʼs a ghlùinean, feuch cumail am falach. Dh’fhalbh na boireannaich dhachaigh agus cha b’ fhada gus an robh fios aig a h-uile duine ann an Siabost is Brà gar gun robh ceatharnach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir.
Nise, mu sheachdain roimhe, bha bò aig fear, Ruairidh Dearg, air a dhol a dhìth. Bha an crodh a-muigh air an à irigh, aig bonn na Beinne Mòire, agus fhuair a’ bhanarach a-mach gun robh bò dhubh air a dhol a dhìth. Choisich daoine fad is farsaing, thairis air a’ mhonadh, ach cha do lorg iad a’ bhò. Nuair a chuala iad mun cheatharnach, shaoil muinntir an à ite gur esan a bu choireach. Agus leanaidh an sgeul an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cruinneachadh: collection; Tormod an t-Seòladair: ‘Norman, son of the sailor’; a’ sealg: hunting; biodag: dirk; roghnaich iad: they chose; os an cionn: above them; amharasach: suspicious.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha mi airson ur toirt gu taobh siar Leòdhais: I want to take you to the west of Lewis; a bhuineas don sgìre sin: that belongs to that area; cha toir mi dhuibh ach geà rr-chunntas: I’ll only give you a summary; deas air Siabost: south of Shawbost; a’ teicheadh bho na h-ùghdarrasan-lagha: fleeing from the legal authorities; latha brèagha samhraidh a bha seo: one particular beautiful summer day; bha dithis a-muigh anns a’ mhonadh: two people were out in the hills; Alasdair Moireasdan, am mac a bu shine aig ceann-cinnidh nam Moireasdanach: Alasdair Morrison, the eldest son of the clan chief of the Morrisons; a cho-ogha, Ùisdean MacAmhlaigh: his cousin, Hugh MacAulay; bha plaide de bhreacan Cloinn ʼic Leòid thairis air an doras: there was a plaid of MacLeod tartan across the door; gu socair, sà mhach, thug X sùil a-staigh: gently and quietly, X peered in; bogha, saighdean agus claidheamh: bow, arrows and sword; gur e fear-brathaidh a bh’ ann, a’ faighinn fiosrachadh mu na bailtean faisg air là imh: that he was a spy, obtaining intelligence about the nearby villages; bha Clann ʼic Leòid agus na Moireasdanaich nan nà imhdean: the MacLeods and the Morrisons were enemies; gun robh droch rùn aig a’ choigreach air muinntir na sgìre: that the stranger had evil intent towards the local people; a’ sgrìobadh crotal bho chreagan air cliathaich X: scraping crottle (lichen) from rocks on the slopes of X; a’ gluasad air a là mhan ʼs a ghlùinean, feuch cumail am falach: moving on his hands and knees in an attempt to remain hidden; gun robh bò dhubh air a dhol a dhìth: that a black cow had gone missing; gur esan a bu choireach: that he was responsible.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chaidh e a dh’fhuireach ann: he went to live there. When we have a soundless combination ‘f³ó’ at the start of a lenited verbal noun following a verb of motion, we insert a ‘d³ó’ to give it a sound. Compare thèid mi a choimhead a’ gheama and thèid mi a dh’fhaicinn a’ gheama ‘I’ll go to watch/see the game’. Thèid mi a dh’fhosgladh na h-eaglaise ‘I’ll go to open the church’. It is most commonly heard with fuirich ‘stay, live’. An tèid thu a dh’fhuireach anns an Fhraing? ‘will you go to live in France?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ghabh iad rathad aithghearr dhachaigh: they took a shortcut home.
Broadcast
- Sun 18 Sep 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.