Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1214
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1214. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 23 Oct 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 910
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1214
Duration: 05:00
Litir 1214: Seann Leigheasan airson Lot Nathrach (2)
Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhiofar dhòighean aig na seann Ghà idheil airson lot nathrach a leigheas. Bu chòir dhomh rudeigin a rà dh mun fhacal airson snakebite. Bhiodh na seann daoine gu tric a’ dèanamh sgaradh eadar bìdeadh aig, can, cù agus an lotadh aig nathair. Chanadh iad lotadh-nathrach ris an ionnsaigh a tha nathair a’ toirt agus lot nathrach airson ‘snakebite wound’.Ìý
Bha mi a’ toirt sùil an t-seachdain sa chaidh air a’ chunntas aig Tormod an t-Seòladair à Siabost. Gheall mi dhuibh gun toirinn sùil a bharrachd air fear de na leigheasan aige – suathadh ceann nathrach air an lot.
Tha cunntas dhen dearbh rud air an là raich-lìn – ‘Tobar an Dualchais’. Bha Alasdair MacNeacail, Alasdair Shomhairle Mhòir, air a chlà radh le mac a pheathar, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, Calum Iain MacGill-Eain. Bha sin ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a naoi (1959). Bha Alasdair às a’ Bhrà ighe anns an Eilean Sgitheanach. Bha Gà idhlig air leth aige.
Chunnaic esan coimhearsnach a’ suathadh ceann nathrach air an lot no, mar a thuirt e fhèin, ‘claban-cinn na nathrach’. Bha sin airson at a leigheas air agh. Bha e a’ cumail ceann na nathrach air mullach balla taobh a-staigh an taigh aige.
 Tha sin a’ dol leis na leugh mi aig Tormod an t-Seòladair. Sgrìobh esan gun robh daoine a’ gleidheadh ceann aig nathair-nimhe a mharbh iad. Bha iad ga stòradh ann an salann. Agus an tà inig feabhas air an agh? Thà inig – bha i slà n a-rithist an ath mhadainn.
Mus tà inig a choimhearsnach le ceann na nathrach, bha boireannach a b’ aithne do dh’Alasdair a’ feuchainn ri a leigheas fhèin a dhèanamh. Dh’fheuch i an toiseach le uisge a chaidh a dhòrtadh thairis air airgead. Bha an t-uisge a’ tighinn far an airgid. Cha do dh’obraich sin.
Dh’fheuch i an uair sin snà ithlean dearg a cheangail i ‘timcheall air a bheothach’. Agus ghabh i rann leigheis. Cha robh sin soirbheachail. Ach rinn ceann na nathrach a’ chùis.
Lorg mi cunntas aig fear eile air Tobar an Dualchais, agus e a’ bruidhinn air seann leigheasan aig na Gà idheil airson lot nathrach. Bha am fear sin cuideachd às an Eilean Sgitheanach. Abair gu bheil e na thlachd a bhith ag èisteachd ri a chuid Gà idhlig. B’ esan an t-Urramach Tormod Dòmhnallach à Bhaltos anns an Taobh Sear. A-rithist, ʼs e Calum Iain MacGill-Eain a chlà ir e. Bha sin ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a trì (1953).
Bha dà leigheas aig Mgr. Dòmhnallach. Aonan dhiubh, b’ e a bhith marbhadh eun, gu sònraichte cearc. Bha iad a’ fosgladh na closaich agus ga cur air an lot, fhad ʼs a bha i fhathast blà th. Bha sin coltach ris an leigheas a dh’aithris Tormod an t-Seòladair – ach gur e coileach dubh a bhathar a’ cleachdadh.
Dh’aithris Mgr. Dòmhnallach gun cuala e mu leigheas eile. Nam faighte grèim air an nathair, bhite ga cur ann an uisge. Bha an t-uisge air a dhòrtadh air an lot. Chan urrainn dhomh na leigheasan seo a dhearbhadh, taobh seach taobh. ʼS e as ciallaiche a bhith faiceallach ma chì sibh nathair-nimhe bheò.Ìý

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: lot nathrach: snakebite wound; Alasdair MacNeacail: Alexander Nicolson; coimhearsnach: a neighbour; claban-cinn: top of the head; soirbheachail: successful; faiceallach: careful.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Gheall mi dhuibh gun toirinn sùil a bharrachd air fear de na leigheasan aige: I promised you that I would look further at one of his cures; suathadh ceann nathrach air an lot: the rubbing of a snake’s head on the wound; air a chlà radh le mac a pheathar, am fear-cruinneachaidh beul-aithris: recorded by his sister’s son, the folklorist; às a’ Bhrà ighe anns an Eilean Sgitheanach: from Braes on the Isle of Skye; airson at a leigheas air agh: to cure a swelling on a heifer; air mullach balla taobh a-staigh an taigh aige: atop a wall inside his house; tha sin a’ dol leis na leugh mi: that accords with what I read; an tà inig feabhas air an agh?: did the heifer’s condition improve?; boireannach a b’ aithne do X: a woman that X knew; le uisge a chaidh a dhòrtadh thairis air airgead: with water that was poured over silver; cha do dh’obraich sin: that didn’t work; snà ithlean dearg a cheangail i ‘timcheall air a bheothach’: a red thread that she tied around the beast; ghabh i rann leigheis: she incanted a curing verse; rinn ceann na nathrach a’ chùis: the snake’s head did the job; abair gu bheil e na thlachd a bhith ag èisteachd ri a chuid Gà idhlig: what a pleasure it is to listen to his Gaelic; an t-Urramach Tormod Dòmhnallach à Bhaltos anns an Taobh Sear: the Rev. Norman MacDonald from Valtos in Trotternish; a’ fosgladh na closaich: opening the corpse; nam faighte grèim air an nathair, bhite ga cur ann an uisge: if the snake were caught, it would be immersed in water.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: eadar bìdeadh aig, can, cù agus an lotadh aig nathair: between the bite/biting of, say, a dog and the bite of a snake. Can in this structure is a useful idiom. It is the equivalent of the English ‘say’ but it might also be translated as ‘for example’ or ‘let us say’. Bha mi am beachd tighinn, can, Dimà irt no Diciadain ‘I was thinking of coming, say, on Tuesday or Wednesday; an gabh thu òran – can, Mo Mhà thair?; will you sing a song – say, Mo Mhà thair?
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha an t-uisge a’ tighinn far an airgid; the water was coming ‘off the silver’.
Broadcast
- Sun 23 Oct 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.