Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1216
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1216. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 6 Nov 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 912
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1216
Duration: 05:00
Litir 1216: Breith Oisein
Fhad ʼs a tha mi a’ sgrìobhadh seo, tha mi a’ coimhead bhidio. Tha mi ga moladh dhuibh. Tha i a’ ruith airson deich mionaidean agus tha i ann an Gà idhlig.
Gheibh sibh lorg oirre air YouTube fon tiotal ‘Breith Oisein – Sgeulachd na Fèinne’. ʼS e goireas foghlaim a th’ innte. Tha an sgeulachd Breith Oisein innte. Tha i air a h-aithris ann an Gà idhlig ach tha cothrom ann a coimhead le fo-thiotalan Beurla. Tha dà dhreach air an sgriobt – anns an t-seann Ghà idhlig agus dreach eile a tha a’ leantainn nòsan GhOC.
Bha dithis an sàs anns a’ phròiseact – an t-Ollamh Mìcheal Newton, a tha na shà r-eòlaiche air dualchas nan Gà idheal – agus an neach-ealain Tòmas Keyes. Buinidh Mìcheal do na Stà itean Aonaichte. Tha Tòmas a’ fuireach anns an Eilean Dubh.
An toiseach, tha mi airson innse dhuibh mun ealain aig Tòmas. Tha duilleag mhòr bhrèagha ann. Tha i coltach ris na duilleagan ann an Leabhar Cheannanais. Agus tha òran ann. Tha e air a sgrìobhadh agus air a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle. ʼS e an t-ainm a th’ air an òran ‘Comhairl’ Oisein dha Mhà thair’.
Chaidh an ealain a dhèanamh anns an dòigh thraidiseanta – air seiche fèidh. Anns na notaichean, tha Tòmas ag innse dhuinn mu na h-ìomhaighean anns an dealbh agus mar a rinn e na dathan. Mar eisimpleir, rinn e inc phurpaidh le bhith a’ tiormachadh crotal sònraichte, ris an canar crotal-Chùithbreith. Chruinnich e an crotal anns an Eilean Dubh. Bhraich e ann an amòinia e airson ceithir mìosan. An uair sin, bha dath purpaidh aige, deiseil airson an dealbh a dhèanamh. Abair an obair a bha an sàs anns a’ ghnothach!
Tha an sgeulachd fhèin air a h-aithris gu soilleir le Mìcheal Newton. Tha e ag innse mar a chaidh Fionn is a chompanaich a-mach a shealg. Chunnaic iad eilid agus ghlac iad i len coin. Chuir Fionn òrdag na bheul (oir bha deud-fios aige) agus fhuair e a-mach gur e boireannach fo gheasaibh a bh’ anns an eilid.
Anns an dreach seo dhen sgeul, tha Fionn a’ cur seachad na h-oidhche còmhla ris a’ bhoireannach. Tha i a’ falbh anns a’ mhadainn. Beagan mhìosan an dèidh sin, tha mac air a bhreith dhi air sgeir ann an Loch nan Ceall faisg air Àrasaig. Bha dreach duine air, ach gun robh dosan fèidh air fhalt. B’ esan Oisean. Tha ainm a’ ciallachadh ‘laogh-fèidh’. Bha e a’ fuireach cuide ri a mhà thair airson seachd bliadhna.
Tha an sgeulachd ag innse mar a tha an gille air a lorg anns na beanntan. Tha Fionn a’ toirt dachaigh dha. Tha Oisean ag ionnsachadh Gà idhlig aig na bà ird.Â
Latha a tha seo, tha Oisean ri sealg. Tha e a’ faicinn eilid. Tha e a’ dol a thilgeil sleagh oirre ach tha i a’ bruidhinn ris. ‘Is mise do mhà thair,’ tha i ag rà dh. Tha iad a’ dol a-steach a dh’uamh còmhla. An sin, tha Oisean a’ rabhadh mu na coin-seilg aig na Fianna anns an òran aige ‘Comhairl’ Oisein dha Mhà thair’ – a’ chiad òran a sgrìobh e riamh.
Tha an goireas foghlaim seo sònraichte agus mholainn gu mòr e airson tidsearan, pà rantan agus sgeulaichean. Gheibhear lorg air fon ainm ‘The Birth of Ossian’ aig www.hiddenglenfolk.org.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Breith Oisein: the birth of Ossian (Oisean); goireas foghlaim: educational resource; neach-ealain: artist; Na Stà itean Aonaichte: The United States; an toiseach: to begin with; Leabhar Cheannanais: The Book of Kells; seiche fèidh: deer hide; fo gheasaibh: under a spell; dosan fèidh: a deer’s fringes; laogh-fèidh: deer calf; sleagh: spear.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Fhad ʼs a tha mi a’ sgrìobhadh seo: while I’m writing this; tha cothrom ann a coimhead le fo-thiotalan Beurla: there is an opportunity to watch it with English subtitles; tha dà dhreach air an sgriobt: there are two forms of the script; a tha na shà r-eòlaiche air dualchas nan Gà idheal: who is an expert on the heritage of the Gaels; air a sgrìobhadh agus air a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle: written and illuminated in the old way; Comhairl’ Oisein dha Mhà thair: Ossian’s advice to his mother; mu na h-ìomhaighean anns an dealbh: about the images in the picture; mar a rinn e na dathan: how he made the colours; rinn e inc phurpaidh le bhith a’ tiormachadh crotal sònraichte: he made purple ink by driving a particular crottle (lichen); ris an canar crotal-Chùithbreith: which is called cudbear lichen; chruinnich e an crotal anns an Eilean Dubh: he collected the lichen on the Black Isle; bhraich e ann an amòinia e: he fermented it in ammonia; abair an obair a bha an sàs anns a’ ghnothach!: what an amazing amount of work that was involved in the matter; mar a chaidh Fionn is a chompanaich a-mach a shealg: how Finn and his companions went out to hunt; chunnaic iad eilid agus ghlac iad i len coin: they saw a hind and they caught it with their hounds; chuir Fionn òrdag na bheul: Finn put a thumb in his mouth; bha deud-fios aige: he had a knowledge-tooth; tha mac air a bhreith dhi: a son is born to her; sgeir ann an Loch nan Ceall faisg air Àrasaig: a skerry in Loch nan Ceall near Arisaig; mholainn gu mòr e: I’d strongly recommend it.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dreach eile a tha a’ leantainn nòsan GhOC: another version that follows the GOC customs. GOC stands for Gaelic Orthographic Conventions which is the most popular orthographic system for writing Scottish Gaelic in Scotland (it’s not adhered to in North America in the same way). It is for example, the system that eliminated the acute accent. You can obtain an electronic copy of the rules on the Scottish Qualifications Authority’s website at www.sqa.org.uk.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha dreach duine air: he had the appearance of a man/person.
Broadcast
- Sun 6 Nov 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.