Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1221
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1221. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 11 Dec 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 917
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1221
Duration: 05:00
Litir 1221: Eilean Phabaigh (1)
Aig deireadh an t-samhraidh, sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach. Tha iad gu tuath air an Ath Leathann agus faisg air a chèile. Tha gu leòr anns a’ chumantas eatarra a thaobh eachdraidh is uachdranas. Ge-tà , ann an cumadh is coltas, tha iad cho eadar-dhealaichte bho chèile ʼs a ghabhas. Tha an dà rna eilean beag, ìosal is còmhnard – agus meadhanach torrach. Tha am fear eile cuimseach mòr, le beinn is monadh, agus mòine gu leòr. ʼS iad na h-eileanan sin Pabaigh agus Scalpaigh.Â
Nise, tha mi air na h-ainmean, mar gum biodh ‘oifigeil’, a chur orra. Ann am Beurla – Pabay agus Scalpay; ann an Gà idhlig – Pabaigh agus Scalpaigh. Ach chuala mi ‘Paba’ agus ‘Scalpa’ aig na seann iasgairean Rosach aig an robh Gà idhlig. Agus nuair a thèid sinn air ais gu mapaichean an t-seachdamh linn deug, ʼs e sin a th’ orra.Â
Thuirt mi gu bheil an dà eilean eadar-dhealaichte bho chèile. Tha sin gu sònraichte fìor mu na h-ainmean-à ite orra. Tha Scalpaigh là n ainmean Gà idhlig – leithid Rubh’ a’ Chonnaidh, Camas na Geadaig, Glac an Ime agus Beinn Loch a’ Mhuilinn. Ach, ann am Pabaigh, chan eil ann ach dà ainm-à ite Gà idhlig agus tha iadsan air a’ chladach – creag air a bheil An Gobhlach agus sgeir faisg air là imh – an Sgeir Ghobhlach. Bha an sgeir sin na cunnart do mharaichean, agus tha pòla-rabhaidh oirre.
Ach air tìr anns an eilean fhèin, chan eil aon ainm-à ite. Chan eil mi a’ ciallachadh ainm-à ite Gà idhlig, ach fear sam bith – Gà idhlig no Beurla. Shaoil mi gun robh sin car annasach. Tha an t-eilean còmhnard, ceart gu leòr, gun chnoc no glac a tha follaiseach bhon mhuir. Chan eil loch no uillt ann. Ach tha trà ighean ann, agus creagan, agus mòine, agus baile-fearainn. Bha sluagh ann. Tha à iteachan ann far am bi na h-eòin-mhara a’ neadachadh. Tha pà ircean ann, agus dìgean. Carson nach robh ainm sam bith air gin de na feartan-tìre sin?Â
Chaidh mi gu Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Chan eil ach trì ainmean aca ann am peann dubh. A’ chiad fhear – ʼs e sin Pabay fhèin. Sgrìobh iad gur ann on Lochlannais a thà inig an t-ainm. Tha e a’ ciallachadh ‘Eilean an t-Sagairt’. Agus tha An Gobhlach ‘forked place’ agus Sgeir Ghobhlach ‘forked rock’ aca.
Ge-tà , ann am peann dearg, air an aon duilleig ʼs a bheil Pabaigh air ainmeachadh, tha trì uillt – Allt a’ Ghleannain, Allt na Plaide agus Allt an Rèidhe Mhòir. Airson tiotan bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh na h-uillt sin ann am Pabaigh ach gun deach iad à bith nuair a chaidh claisean-drèanaidh a chladhach. Ach cha robh. Tha na h-uillt pìos air falbh anns an Eilean Sgitheanach fhèin. Coltach ri Pabaigh bha iad air fearann a bha leis a’ Mhorair Dòmhnallach ann an Caisteal Armadail.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cuimseach mòr: moderately large; mòine: peat, peatland; Rosach: belonging to Ross-shire; Rubh’ a’ Chonnaidh: the point of the fuel; Camas na Geadaig: the bay of the small tillage plot; Glac an Ime: the hollow of the butter; Beinn Loch a’ Mhuilinn: the mountain of the mill loch; beagan chraobhan: a few trees; baile-fearainn: farming settlement; Eilean an t-Sagairt: the isle of the priest; claisean-drèanaidh: drainage channels.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach: I sailed around two islands near Skye; gu tuath air an Ath Leathann: north of Broadford; tha gu leòr anns a’ chumantas eatarra a thaobh eachdraidh is uachdranas: there is a lot in common between them with regard to history and landlordship; ìosal is còmhnard agus meadhanach torrach: low and flat and moderately fertile; nuair a thèid sinn air ais gu mapaichean an t-seachdamh linn deug, ʼs e sin a th’ orra: when we go back to seventeenth-century maps, that’s what’s on them; creag air a bheil An Gobhlach agus sgeir faisg air là imh – an Sgeir Ghobhlach: a rocked called ‘the forked one’ and a skerry nearby – ‘the forked skerry’; bha an sgeir na cunnart do mharaichean: the skerry was a danger to mariners; tha pòla-rabhaidh oirre: there is a warning pole on it; chan eil mi a’ ciallachadh ainm-à ite Gà idhlig, ach fear sam bith: I don’t mean a Gaelic place-name but any place-name; shaoil mi gun robh sin car annasach: I thought that was a bit strange; gun chnoc no glac a tha follaiseach bhon mhuir: without a hill or a hollow that is obvious from the sea; chan eil loch no uillt ann: there is no loch or burns; far am bi na h-eòin-mhara a’ neadachadh: where the sea-birds nest; carson nach robh ainm sam bith air gin de na feartan-tìre sin?: why was there no name on any of those geographical features?; Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais: Name Book of the Ordnance Survey; airson tiotan bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh na h-uillt sin ann am Pabaigh: for a moment I was thinking those burns were on Pabay; fearann a bha leis a’ Mhorair Dòmhnallach ann an Caisteal Armadail: land that was owned by Lord MacDonald in Armadale Castle.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha iad cho eadar-dhealaichte bho chèile ʼs a ghabhas: they are as different from each other as possible. This is a really useful idiom and one you should try to use. It is an idiomatic alternative to ʼs as urrainn. Bidh mi ann cho luath ʼs a ghabhas ‘I’ll be there as soon as possible’. Dèan uisge an amair cho teth ʼs a ghabhas ‘make the bath water as hot as possible’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: leithid Rubh’ a’ Chonnaidh: such as Rubh’ a’ Chonnaidh.
Broadcast
- Sun 11 Dec 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.