Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Calum M Mac a' Ghobhainn

Seirbheis còmhla ris an Urr Calum M Mac a' Ghobhainn bho Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Rev Calum Murdo Smith from Stornoway Free Church conducts this week's Gaelic service.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 95: 6-7 air fonn Bedford agus ‘s e Tormod Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.

Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus ‘s e an t-Urr Calum I MacLeòd a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Salm 107: 28-30 agus ‘s e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road.

Leughadh: Leabhar nan Salm 29: 1- 11
Ceann-teagaisg : Leabhar nan Salm 29: 11

Rugadh agus thogadh Calum Murdo ann an Siabost ann an Leòdhas far a bheil athair agus a mhàthair, Dòmhnall agus Màiri a’ fuireach fhathast. Às dèidh an sgoil fhàgail rinn e cùrsa einnseanairidh ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Chaidh Calum Murdo gu muir agus bha e anns a’ Chabhlach Mharsanta airson ochd bliadhna a’ seòladh gu iomadach ceàrnaidh den t-saoghal. Tha ùidh mhòr aige fhathast anns a’ mhuir agus bidh e a’ dol a dh’iasgach uair sam bith a gheibh e an cothrom. Chuir e seachad grunn bhliadhnaichean ag obair aig Urras Port Steòrnabhaigh mas deach e a-steach airson na ministrealachd. Chaidh Calum Murdo a Dhùn Èideann airson cùrsa diadhaidh a’ dhèanamh agus às dèidh ceumnachadh chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhùn Phris ann an 2011. Bha e ann am Dùn Phris airson còig bliadhna nuair a fhuair e gairm gu coitheanal Eaglais Shaor Uibhist a Tuath, Ghriomasaigh agus Bheàrnaraigh ann an 2016. Anns an Iuchar 2022 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Tha Calum Murdo pòsta aig Johan Ghreumach à Barabhas agus tha triùir chloinne aca Joni, Marissa agus Danny.

30 minutes

Last on

Sun 10 Sep 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 5 Feb 2023 09:00
  • Sun 5 Feb 2023 15:00
  • Sun 10 Sep 2023 09:00
  • Sun 10 Sep 2023 15:00