Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha Catriona Mhoireach agus Iain MacAmhlaigh a' dèanamh lèirmheas air taisbeanadh ealain sònraichte de sheallaidhean air beatha làitheil an Ghlaschu sna tritheadan a tha ri fhaicinn an-dràsta ann an Ionad Bhùithtean a Forge air taobh an ear a’ bhaile. Chaidh na deilbh a pheantadh leis an fhear-ealain Tom McGoran, a tha aig aois ceithir fichead ‘s a còig deug, a' taisbeanadh a chuid ealain airson a' chiad uair.

Tha deasbad mòr air a bhith a' dol a thaobh dè an aois aig am biodh e ceadaichte do neach sam bith an gnè fhèin a chlàradh gu h-oifigeil agus Riaghaltas na h-Alba air bile ùr a chur air adhart a' moladh gur e sin sia bliadhna deug a dh'aois. Gheibh sinn beachd bho thriùir, a tha nas sine ann am bliadhnaichean, air cò ris a bha am beatha còltach nuair a bha iad sia deug, dè seòrsa saoghal a bh’ aca agus a bheil iad den bheachd gun robh iad comasach, aig an aois sin, air co-dhùnaidhean mòra a dhèanamh?

Agus cluinnidh sinn bho Alister Paul mun leabhar ùr a sgriobh e; nobhail air a bheil Fir an Diuraidh.

57 minutes

Last on

Tue 21 Feb 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 21 Feb 2023 09:00
  • Tue 21 Feb 2023 22:25