Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1233
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1233. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 5 Mar 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 929
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachadh 1233
Duration: 05:00
Litir 1233: An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (3)
Sgrìobh an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh mu dheidhinn ainmean-à ite timcheall Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Airson a’ bhaile aige fhèin – Callander ann am Beurla – thug e dà mhìneachadh seachad. Anns a’ chiad à ite tha cala a’ ciallachadh ‘port’. Mar sin, ʼs e Cala-sraid an t-srà id a tha a’ dol eadar an caisteal agus an cala far an robh bà t’-aiseig air an abhainn.Â
Ach tha Callander ann cuideachd. Tha Mgr MacDhonnchaidh ag rà dh gur dòcha gun tà inig sin bho Calltainn-doir a’ ciallachadh coille bheag anns an robh craobhan-calltainn. Thug an sgoilear Pà draig MacNaoimhin sùil air a’ ghnothach o chionn dà bhliadhna agus cha do rà inig e co-dhùnadh air tùs an ainm.
Bha mi riamh a’ beachdachadh air Beinn Mheanbh (Ben Venue) anns na Tròisichean. Tha i nas à irde na beinn sam bith eile timcheall Loch Ceiteirein. Carson, ma-thà , as e A’ Bheinn Mheanbh a th’ oirre? Uill, tha Seumas MacDhonnchaidh ag innse dhuinn. Tha i ann an loidhne eadar dà bheinn mhòr – Beinn Laomainn agus Beinn Lididh. Tha i letheach-slighe eatarra. Ach tha i nas ìsle nan dà bheinn sin. ʼS e ‘beinn mheanbh’ a th’ innte an coimeas riuthasan.
Tha Mgr MacDhonnchaidh cuideachd a’ dèanamh coimeas eadar na faclan coire agus gleann. Tha iad le chèile a’ seasamh airson ‘valley’ ann am Beurla. Tha coire dùinte aig aon cheann dheth mar ‘thaigh-cluiche fosgailte’. Tha gleann, air an là imh eile, fosgailte aig an dà cheann. Tha Mgr MacDhonnchaidh a’ cumail a-mach gu bheil glè bheag de chà nanan eile a’ dèanamh sgaradh, le aon fhacal, eadar an dà sheòrsa de ghleann.
Tha am ministear cuideachd a’ mìneachadh ainm lochain shuas air druim Beinn Lididh. ʼS e sin Lochan nan Corp. Bha buidheann à Gleann Fhionnghlais a’ falbh thar na beinne airson tiodhlacadh ann an caibeal Naomh Brìde air cladach Loch Lùdnaig. Bha an lochan shuas reòite agus math dh’fhaodte gun robh e còmhdaichte le sneachd. Thuit na daoine tron deigh agus bha iad air am bà thadh.
Air cladach an iar Loch Lùdnaig tha creag air a bheil Creag na Co-sheilg. Tha e a’ ciallachadh ‘the rock of the joint hunting’. Tha Mgr MacDhonnchaidh ag innse dhuinn gun robh i air a’ chrìch eadar dà oighreachd. Air là ithean seilg, bhiodh na h-uachdarain a’ coinneachadh an sin, len coin agus luchd-taice.
Cha chreid mi nach eil daoine dhen bheachd gur e Glen Finglas Gleann Fhionnghlais ‘glen of the fair stream’. Ach sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘the fair green glen’. Nuair a bha esan beò, bha e ag rà dh gun robh pà irc cho mòr ann ʼs a chitheadh tu ann an à ite sam bith anns na sgìrean sin. Cuideachd, bha e ag rà dh gun robh am feur fada, a tha gorm as t-samhradh, a’ dol bà n – gealaichte – anns a’ gheamhradh.Â
Uill, sin agaibh cuid de na beachdan aig an Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Mo bheannachd air, gu h-à raidh airson a bhith a’ dìon na Gà idhlig aig à m nuair nach robh gu leòr de dhaoine sgoileireil ga dìon.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: An t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh: The Rev. James Robertson; craobhan-calltainn: hazel trees; Loch Ceiteirein: Loch Katrine; nas ìsle: lower; math dh’fhaodte: perhaps; Lochan nan Corp: the wee loch of the bodies; Gleann Fhionnghlais: Glen Finglas; Loch Lùdnaig: Loch Lubnaig; gealaichte: bleached.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an t-srà id a tha a’ dol eadar an caisteal agus an cala far an robh bà t’-aiseig air an abhainn: the street that goes between the castle and the harbour where there was a ferry on the river; thug an sgoilear Pà draig MacNaoimhin sùil air: the scholar Peter McNiven looked at; cha do rà inig e co-dhùnadh air tùs an ainm: he didn’t reach a conclusion on the origin of the name; bha mi riamh a’ beachdachadh air Beinn Mheanbh anns na Tròisichean: I was always thinking about Ben Venue in the Trossachs; ann an loidhne eadar dà bheinn mhòr – Beinn Laomainn agus Beinn Lididh: in a line between two big mountains – Ben Lomond and Ben Ledi; ʼs e ‘beinn mheanbh’ a th’ innte an coimeas riuthasan: she’s a wee mountain in comparison with them [emphatic]; dùinte aig aon cheann dheth mar ‘thaigh-cluiche fosgailte’: closed at one end [of it] like an ‘amphitheatre’; a’ dèanamh sgaradh, le aon fhacal: making a distinction, with one word; tiodhlacadh ann an caibeal Naomh Brìde: a funeral in St Bride’s chapel; thuit na daoine tron deigh agus bha iad air am bà thadh: the people fell through the ice and they were drowned; air a’ chrìch eadar dà oighreachd: on the border between two estates; cha chreid mi nach eil daoine dhen bheachd: I think that people reckon; gun robh pà irc cho mòr ann ʼs a chitheadh tu ann an à ite sam bith: that there was as big a pasture as you’d see in any place; mo bheannachd air, gu h-à raidh airson a bhith a’ dìon na Gà idhlig: my blessing on him, particularly for defending the Gaelic language.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Carson, ma-thà , as e A’ Beinn Mheanbh a th’ oirre?: why is it called A’ Bheinn Mheanbh ‘the little mountain’? [it is on maps as Ben Venue which indicates the local pronunciation of meanbh]. You will probably be familiar with meanbh ‘small, diminutive’ in meanbh-chuileag ‘midge’, showing that it often appears before the noun it is qualifying e.g. meanbh-fhrìde ‘insect’, meanbh-chrodh ‘tiny (breed of) cattle’, meanbh-chùiseach ‘trifling, unimportant’. However, it can also (less commonly) come in ‘standard’ position following the noun as in the example in the Litir.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha i letheach-slighe eatarra: it is halfway between them.
Broadcast
- Sun 5 Mar 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.