Le Maureen NicLeòid
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha StAnza, Fèis Eadar-nà iseanta Bà rdachd na h-Alba, ga cuir air bhog an-diugh ann an Cill Rìmhinn 's leanaidh i ceithir là . Tha am bà rd, Pà draig MacAoidh, gu bhith an là thair agus gheibh sinn a bheachd air cho sònraichte 's a tha fèis StAnza ann an saoghal litreachais.
Tha taisbeanadh cho mòr 's a chaidh fhaicinn a-riamh de dhealbhan a' pheantair Johannes Vermeer air fosgladh ann an Taigh-tasgaidh Rijksmuseum an Amsterdam. Ged a tha an obair ealain aige luachmhor sa là a th' ann, chan ann mar sin a bha cùisean nuair a bha Vermeer a' cruthachadh na deilbh.
Cluinnidh sinn bhon neach-ealain Albannach Eòghann MacColla mar a chaidh fear de na deilbh aige a thaghadh airson a bhith mar phà irt de thaisbeanadh a' comharrachadh gu bheil 200 bliadhna bho chaidh Comunn Rìoghail Luchd-Ealain Breatannach a stèidheachadh.
Thèid oidhche shònraichte a chumail ann an Glaschu an ath-oidhch', nuair a bhios Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu a’ còmharrachadh ceathrad bliadhna bho thòisich Coinneach MacThòmais mar stiùiriche air a' chòisir. Gheibh Maureen facal air dithis no thriùir a th' air a bhith nam buill den chòisir thar nam bliadhnaichean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 9 Mar 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 9 Mar 2023 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal