còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Tha Cathy a' cluinntinn bho sheann cheannardan-sgoile mar a bhios luchd-sgrùdaidh a' tadhal air sgoiltean. Cathy MacDonald hears how schools deal with inspections.
Tha an dòigh sa bheil sgoiltean gan sgrùdadh air a bhith anns na naidheachdean tric o chionn ghoirid. Tha Cathy NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri triùir a b' à bhaist a bhith nan ceannardan-sgoile mu na bhios a' tachairt anns na sgoiltean nuair a tha sgrùdadh air fà ire. Ciamar a bhios a' luchd-teagasg ag ullachadh agus a' dèiligeadh ris an uallach? Còmhla ri Cathy airson sin a fhreagairt tha Calum MacAoidh, Dòmhnall Dòmhnallach, agus Mà iri NicAonghais.
Bho chionn leth-cheud bliadhna, ann an 1973, chaidh fòn-là imh a chleachdadh airson a' chiad uair. Ach cò an fheadhainn a bha gan cleachdadh? Agus cò iad a chruthaich an teicneòlas ùr? Tha Calum Iain Bartlett ag innse sgeulachd nam fònaichean-là imhe.
Sheall aithisg ùr gu bheil barrachd LPs vinyl gan reic an-diugh na tha de CDs – a' chiad uair a thachair seo bho 1987. Ach dè dìreach a tha a' fà gail LPs cho maireannach, agus cho tarraingeach? Cluinnidh sinn bho Thormod MacLeòid agus Coinneach Stiùbhart mu na tha an LP a' ciallachadh dhaibh, an taca ris a' CD.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 4 Apr 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Apr 2023 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal