Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Chaidh taisbeanadh de sheann nithean a bhuineadh do Linn an Umha a chur air bhog ann an Ionad Comunn Eachdraidh Nis feasgar Dimàirt. Thug Coinneach Mac a' Ghobhainn, an cois duine no dhithis às a' sgìre, sùil air na cinn-sleagha, cinn-tuaighe agus innealan eile a chaidh a lorg ann an Adabrog ann an 1910 agus claidheamhan a chaidh a lorg ann am poll-mhònadh ann an Àird Dhail ann an 1891 agus 1892.

Bha an t-ùghdar Jim Wilkie air chuairt ann a Leòdhas air an t-seachdain sa mar phàirt de na cuirmean a tha dol airson comharrachadh 100 bliadhna bho shèol a Metagama à Steòrnabhagh. Rinn Alasdair MacLeòid leughadh às ùr air a' leabhar ainmeil a sgrìobh Jim Wilkie ann an 1986, air a robh Metagama mar thiotal.

B' e Murchadh Greumach, cèiliche na seachdain. Tha Murchadh a’ tàmh ann a Harrogate, ‘s e air a bheath-obrach a chur seachad ann a Sasainn. Ach ‘s ann à Dùn Chàrlabhaigh ann a Leòdhas a tha e bho thùs – àite a tha fhathast dlùth ga chridhe agus e an-dràsta air làithean-saora sa bhaile san deach àrach. Thàinig e steach dhan stiùdio airson beagan innse do Chathy mun iomadh àite gan tug obair e, bho dh’fhalbh e à Leòdhas ann an 1950. ‘S iomadh sgeul a th’ aige ri innse bho na làithean tràth nuair a bha e ag obair air Sràid Downing ann a Lunnainn, chun t-seinneadear ainmeil Margarita Pracatan a' tighinn a dh’fhuireach dhan dachaigh aca son seachdain!

Agus dè an ionndrainn a bhiodh agaibh air rionnach mur a biodh e pailt? Tha Comann Glèidhteachais na Mara air rabhadh gu bheil rionnach a' fàs gann. Fhuair Cathy beachd dithis a tha gu math dèigheil air fear de sheòid a' chuain.

57 minutes

Last on

Sun 23 Apr 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 23 Apr 2023 12:00