Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1243
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1243. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 14 May 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 939
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1243
Duration: 05:00
Litir 1243: BÃ rd Mhealaboist (3)
Bha Bà rd Mhealaboist, Murchadh MacPhà rlain, am measg nam bà rd as ainmeile ann an saoghal nan Gà idheal anns an fhicheadamh linn. Ma tha sibh comasach air Gà idhlig a leughadh, tha an leabhar ‘Doras gun Chlà imhean’, deasaichte le Catrìona Mhoireach, fìor mhath.
Bidh sinn a’ fà gail soraidh aig Murchadh an-diugh. Ach, roimhe sin, bheir sinn sùil air dà òran ainmeil aige. An toiseach – an t-òran a bh’ againn an t-seachdain sa chaidh – Mhòrag, Leat Shiùbhlainn. ʼS e òran gaoil a th’ ann. Chan eil fhios a’m an robh ‘Mòrag’ stèidhichte air boireannach sam bith, ach bha i fìor mhath air seinn, a rèir choltais. Seo agaibh an treas rann:
An uair a ghleusas i suas a h-òran,
An uiseag, thèid i na tà mh ʼs an smeòrach,
ʼS iad ri ʼg èisteachd ceòl nèamhaidh, ro-bhinn,
Ceòl binn gun èislean bho beul a’ dòrtadh.
Anns an rann sin, tha am bà rd a’ dèanamh coimeas eadar an t-seinn aig Mòrag agus dà eun a tha ainmeil airson an seinn – an uiseag agus an smeòrach. Anns an dà rna rann mu dheireadh, tha Murchadh a’ cur nar cuimhne gun robh e beò nuair a bhiodh feadhainn às na h-eileanan a’ sealg nam mucan-mara a-mach à South Georgia:
Dh’fhalbhainn deònach gu ruige Georgia,
ʼS shà thainn sleagh anns na mucan mòra,
ʼS dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn,
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.
Tha an loidhne mu dheireadh snog, nach eil? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses.
Mu dheireadh, tha mi airson sùil bheag a thoirt air an òran as ainmeile, chanainn, aig Murchadh MacPhà rlain. ʼS e sin Cà nan nan Gà idheal. Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gà idhlig gu mòr na bhà rdachd agus na bheatha. Tha an t-òran a’ tòiseachadh mar seo:
Cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath,
Cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear,
Cha b’ e ʼn t-uisge ʼs an gailleann on iar,
Ach an galar a bhlian on deas
Blà th, duilleach is stoc agus freumh,
Cà nan mo thrèibh is mo shluaigh.
Bha am bà rd a’ dèanamh soilleir nach e droch aimsir na Gà idhealtachd a bu choireach ri crìonadh na Gà idhlig, ach ‘an galar on deas’. Bha e a’ ciallachadh le sin cà nan is cultar nan Gall.
Tha an treas rann dhen òran a’ riochdachadh brìgh an òrain air fad. Seo e:
Ged theich i le ʼbeath’ às na glinn,,
Ged ʼs gann i ʼn-diugh chluinnear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdair nam bò,
Ach thugainn, thig còmh’ rium gu siar
ʼS i fhathast ann ciad chainnt an t-sluaigh.
Bha Murchadh a’ tuigsinn mar a bha an cà nan air a dhol sà mhach ann an glinn na Gà idhealtachd, ach gun robh i fhathast aig sluagh nan Eilean Siar mar chiad chà nan. Seo an t-sèist. Math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air:
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cà nan nam Fèinn’,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cà nan nan Gà idheal.
ʼS dòcha nach eil na faclan sin buileach cho fìrinneach an-diugh ʼs a bha iad ri linn Mhurchaidh. Ach ʼs e òran cumhachdach a th’ ann. Tha e a’ cur nar cuimhne gum bu chòir dhuinn còraichean ar cà nain a sheasamh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bà rd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhà rlain: Murdo MacFarlane; roimhe sin: before that; leat shiùbhlainn: I would go with you; nan Gall: of the non-Gaels.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: deasaichte le Catrìona Mhoireach: edited by Catriona Murray; a’ fà gail soraidh aig: farewelling; an uair a ghleusas i suas a h-òran: when she begins to sing; an uiseag, thèid i na tà mh ʼs an smeòrach: the lark goes quiet, and the thrush; ceòl nèamhaidh, ro-bhinn: heavenly, extremely melodious music; a’ sealg nam mucan-mara: hunting the whales; dh’fhalbhainn deònach gu ruige: I would willingly go to; shà thainn sleagh anns na mucan mòra: I’d cast a harpoon in the great whales; dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn: I’d suffer cold and heat and torment; cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath: it wasn’t the snow and frost from the north; cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear: it wasn’t the cold, biting wind from the east; an galar a bhlian on deas blà th, duilleach is stoc agus freumh cà nan mo thrèibh is mo shluaigh: the disease from the south that blighted the blossoms, foliage, trunk and roots of the language of my race and people; a bu choireach ri crìonadh na Gà idhlig: that was responsible for the decline of Gaelic; a’ riochdachadh brìgh an òrain: representing the essence of the song; ged theich i le ʼbeath’ às na glinn: though she fled for her life from the glens; ged ʼs gann i ʼn-diugh chluinnear nas mò o Dhùthaich MhicAoidh fada tuath gu ruig thu Druim Uachdair nam bò: although it is hardly heard today from the Mackay Country in the north till you reach Drumochter of the cows; thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar: come, join us, some with me to the west; gum bu chòir dhuinn còraichean ar cà nain a sheasamh: that we should stand up for the rights of our language.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ceòl binn gun èislean bho beul a’ dòrtadh: melodious, flawless music pouring from her mouth. You will know that the preposition bho ‘from’ usually lenites the following noun. Here, however, we have beul not bheul. The reason is that between the two words there is the feminine possessive pronoun ‘a’ meaning ‘her’. This prevents the lenition of the noun, according to the rule governing possessive pronouns. The reason for omitting the possessive pronoun and not writing ‘bho a beul’ is to maintain the rhythm of the song. It is understood by the listener.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gà idhlig: Murdo was defending Gaelic’s reputation.
Broadcast
- Sun 14 May 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.