còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Gus Seachdain Nà iseanta Slà inte Inntinn a chomharrachadh tha sinn airson beachdachadh air an eadar-dhealachadh a th’ ann a bhith a’ faireachdainn gu bheil thu ìosal nad inntinn agus a bhith a' fulang le trom-inntinn agus ag aithneachadh nuair a tha cùisean air a dhol chun na h-ìre far a bheil neach a’ feumachdainn cuideachadh bho bhuidheann proifeiseanta. Bruidhnidh sinn cuideachd ri feadhainn a tha ag obair gu saor-thoileach le diofar bhuidheanan taic.
B' e Iain Crichton Mac a' Ghobhainn fear de na sgrìobhaichean a b' ainmeile ann an Alba. Sgrìobh e 116 sgeulachdan goirid ann an Gà idhlig agus airson a' chiad uair a-riamh, tha ’d air an cruinneachadh ri chèile ann an aon leabhar a tha air ùr fhoillseachadh - Na Sgeulachdan Gà idhlig air fhoillseachadh le Comann Litreacheas Gà idhlig na h-Alba. Mìnichidh Iain Dòmhnallach an obair mhòr a rinn e fhèin agus an t-Ollamh Moray Watson, a' rùrach, mar a chluinneas sinn, thall ‘s a bhos, a‘ tional na sgeulachdan uile.
Cia mheud leabhar a th' agaibh a-staigh nach do leugh sibh fhathast? Tha sinn a' leantainn oirnn an-diugh le sreath far a bheil neach gach seachdain a' taghadh leabhar às a' chà rn aca fhèin. An-diugh, tha Mairead Morgan a' taghadh Annhilation le Jeff VanderMeer.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 18 May 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 18 May 2023 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal