Mgr Calum MacIllFhialain
Seirbheis bho thasglann a' BhBC le Mgr Calum MacIllFhialain bhon Ghiblein 1986. Gaelic religious service from ´óÏó´«Ã½ archives with Fr Calum MacLellan, first broadcast April 1986.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sinn na laoidhean agus na leughaidhean a leanas :
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn Èirigh Bileag Ùr Ghorm, Mìorbhail Grà is agus O Chridhe MhicDhè
Coisir Eaglais Naomh Peadair, Dalabrog a’ seinn Do Là mh a Chrìosda
Leughaidhean:
Soisgeul Eòin 21: 19-31
Gnìomharan nan Abstol
Rugadh Mgr Calum ann an Glaschu ann an 1926 agus an teaghlach air gluasad a Ghlaschu airson ùine ghoirid, ach cha do chòrd e riutha agus thìll iad air ais a dh'Èirisgeigh. Cha robh dad a chuimhn' aige fhèin air Glaschu agus bha e air leth toilichte gun do thill iad a dh'Èirisgeigh. 'S ann aig a' Chà rnain a bha iad a' fuireach an toiseach gus an do ghluais iad chun a' Choilleig far a bheil dachaigh an teaghlaich fhathast.
Bha mu 100 sgoilear ann an Sgoil Èirisgeigh nuair a chaidh Mgr Calum innte agus bha trì tidsearan aca, ach cha robh aon duine aca a' teagasg Gà idhlig. B' ann nuair a bhiodh iad a' seinn òrain bheaga an aon chothrom a bha iad a' faighinn air a' Ghà idhlig a chleachdadh san sgoil.
Bha Mgr Calum 14 bliadhna nuair a thà inig ceist mun an t-sagartachd an à irde. Bha a mhà thair a-muigh a' bleoghain na bà agus 's e sin an aon à m a gheibheadh tu bruidhinn rithe leatha fhèin. Chaidh e mach far an robh i agus thuirt e rithe gun robh e ag iarraidh a bhith na shagart. Thòisich ise air rà naich agus dh'iarr e oirre an naidheachd innse dha athair. Nuair a chuala athair an naidheachd thuirt e, "Carson a tha thusa ag iarraidh seo 's tu cho mì-mhodhail?".
Chaidh Mgr Calum gu Colaiste Blairs faisg air Obar Dheathain airson trèanadh a bhith na shagart. Nuair a rà inig e a' cholaiste cha robh ainm air liosta an fheadhainn a bha a' tighinn airson a' chiad uair. Aig an à m, bha agad ris a h-uile sian a bhuineadh dhut a thoirt don fheadhainn a bha ruith na colaiste, agus bha esan air mòran airgid fhaighinn bho nà baidhean agus cà irdean nuair a dh'fhà g e an t-eilean. Dh'fhaighnich an t-sagairt a choinnich ris an robh airgead aige. Thòisich e air na bh' aige a dhraghadh a-mach à phòcaid. "Ah, uill," ars an t-sagairt, "Faodaidh tu fuireach greis, co-dhiù!"
Chuir e seachad trì bliadhna a' dèanamh Seirbheis Nà iseanta. Thairis na bliadhnaichean sin bha e ann an Gibraltar, an Èipheit agus a' Ghrèig. Mar a thuirt e fhèin, "Bha e dìreach uabhasach. Cha robh car agad ri dhèanamh ach coiseachd agus mairdseadh agus smocadh." Ach chaidh an cuir a-null gu Thessalonika sa Ghrèig an uairsin agus chòrd sin ris glan.
Ach bha gairm chun an t-sagartachd fhathast ann agus thill e dhan cholaiste, an turas seo dhan Ròimh airson sia bliadhna. Chòrd an Ròimh ris gu mòr, na mìltean a' gabhail pà irt anns na seirbheisean agus gu sònraichte aig à m a' Charghais.
Thill e air ais a dh'Alba ann an 1953 gu bhith na shagart an toiseach anns an Òban, an uair sin ann an Dùn Omhain, dìreach nuair a thà inig na h-Ameireaganaich agus na bà taichean-aigeil niùclasach.
Fhad 's a bha e na shagart bha e a' frithealadh paraistean leithid Dhailibroig, Bhòrnais - a' chiad paraiste a bh' aige fhèin - agus bha e cuideachd sa Bhà gh a Tuath, am Beinn a Bhaoghla agus ann am Bà gh a' Chaisteil agus 's ann an Èirisgeigh a' chrìochnaich e a bhliadhnaichean na shagart paraiste.
Bha Mgr Calum na Iar-fhear-gairm air Comhairle nan Eilean, a' chiad chomhairle a chaidh a stèidheachadh. Air sgà th obair na comhairle, choinnich e ri mòran dhaoine bhon riaghaltas agus an teaghlach rìoghail, leis a' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip, agus Teà rlach 's Diana nam measg.
Bha e dà bhliadhna gann de leth-cheud bliadhna na shagart nuair a leig e dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann a 2002. Tha riaghailtean na h-eaglais a' ceadachadh do shagart a dhreuchd a leigeil dheth aig 75 agus 's e sin a rinn e. Nuair a chaidh an cabhsair a thogail, bha e na b' fhasa do shagairt à Uibhist a Deas a dhol a dh' Èirisgeigh agus 's e sin a thachair. Cha robh e a' cumail cho math ach, nuair a fhuair e a shlà inte air ais, thòisich e siubhail gu à iteachan thall sa bhos agus chuir e seachad ùine san Spà inn na shagart turas neo dhà .
Chur e seachad na là ithean mu dheireadh aige air eilean à raich, a' cumail seirbheisean seachdaineil ri muinntir na paraiste agus an sàs ann an rudan sa choimhearsnachd thall sa bhos. Ghabh e pà irt san t-sreath ainmeil , An Island Parish, còmhla ri sagairt eile san sgìre.
Anns an Iuchar 2012 thà inig sgleò mhòr air Eilean Èirisgeigh, agus na h-eileanan eile mun cuairt, nuair a sgaoil an naidheachd gun do dh'eug Mgr Calum ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhirnis.
Last on
Broadcasts
- Sun 21 May 2023 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Apr 2024 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal