Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuide ri Cathy NicDhòmhnaill

Tha aire ga thoirt do thinneas an t-siùcar fad na seachdain seo. We highlight Diabetes Awareness Week.

Innsidh Anndra MacÌomhair, a bha na Àrd-òraidiche Innleadair-Còmhdhalach aig Oilthigh Napier, mar a fhuair e eòlas air Myanmar, dùthaich sa robh e tric a' tadhal tro obair bho 2016, gus na chuir Riaghaltas Bhreatainn casg air daoine siubhal ann a thaobh sàbhailteachd.

Tha aire ga thoirt an t-seachdain sa gu tinneas an t-siùcair, tinneas a tha a' toirt buaidh air sean is òg. Mìnichidh an Dr Andar Gunneberg a' bhuaidh a tha an tinneas a' toirt air bodhaig duin' air a bheil e agus na leigheasan a tha ri fhaotainn air a shon. Innsidh Ùisdean Stiùbhart agus Seonag NicAnndrais mar a thòisich an tinneas orra fhèin agus mar a tha iad a' dèiligeadh ris bho là gu là.

Cluinnidh sinn bho Oifigear Coimhearsneachd Comann Rìoghail Dìon nan Eun, Shona NicIllFhialain, mu ‘Species on the Edge’, pròiseact ùr aig a' bhuidhean NàdarAlba, far a bheil iad fhèin agus seachd buidheanan eile air a thighinn còmhla airson plana a chur air dòigh airson beathaichean a tha ann an cunnart a dhol à bith a dhìon.

57 minutes

Last on

Tue 13 Jun 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 13 Jun 2023 09:00
  • Tue 13 Jun 2023 22:25