le Cathy NicDh貌mhnaill
C貌mhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Chaidh na l脿ithean as teotha am-bliadhna a chl脿radh an t-seachdain-sa an Alba agus am Breatainn. M矛nichidh Joy Dunlop d猫 as coireach gu bheil an t-s矛de cho teth an-dr脿sta agus d猫 cho fada 's a mhaireas e.
Chan eil duin' againn nach eil a' d猫anamh toileachas nuair a thig bl脿ths an t-samhraidh, ach chan eil teas a' tighinn air a h-uile duine no creutair agus tha mi-shunnd agus cunnart na chois, mar a chluinneas sinn bho fheadhainn nach eil ro dh猫idheil air cus teas.
Tha Folk Film Gathering, f猫is fhilmichean Folk bho air feadh Alba 's an Roinn E貌rpa, a' dol sa Chameo an D霉n 脠ideann is e a' riuth gu deireadh na m矛os. Bheir John Neil D貌mhnallach ro-shealladh dhuinn air An D脿rna Sealladh, film a tha a' leantainn Dh貌mhnaill Angaidh MhicIllEathain, nach maireann, 's e a' sireadh sgeulachdan co-cheangailte ri taibhsean agus an d脿rna sealladh san Eilean Sgitheanach.
Tha Wilma NicUalraig a' d猫anamh l猫irmheas air an taisbeanadh, The Fashion Show: Everything But The Clothes, a tha ri fhaicinn sa V&A ann an D霉n D猫agh.
Agus cluinnidh sinn mar a ch貌rd Inis Fraoigh, eilean ann an D霉n nan Gall, ri Cathy agus Angela NicFhionghuin nuair a thadhail iad air an t-seachdain a chaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 15 Jun 2023 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Thu 15 Jun 2023 22:25大象传媒 Radio nan G脿idheal