Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1251
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1251. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 9 Jul 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 947
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1251
Duration: 05:00
Litir 1251: An Raineach-mhòr
ʼEil sibh ag aontachadh rium gu bheil raineach na plà igh air a’ Ghà idhealtachd? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘an raineach-mhòr’ no bracken fern. Carson a tha raineach na plà igh? Uill, tha i a’ còmhdachadh leòidean beinne agus seann talamh-à itich air feadh na Gà idhealtachd. Tha i a’ mùchadh lusan beaga agus fiùrain craoibhe a tha a’ feuchainn ri fàs fòidhpe. Chan eil i math do sprèidh. Tha e doirbh aig amannan coiseachd tro raon far a bheil an raineach à rd agus tiugh.
Agus ʼs e raon de raineach à rainn mhath airson ghartan. Bidh cuid de ghartain a’ giùlan tinneas Lyme – tinneas a nì daoine gu math tinn. Nach biodh e math dòigh a lorg airson faighinn cuidhteas na rainich, co-dhiù ann an cuid de dh’à iteachan?
Uill, bha mi a’ leughadh seann leabhar an latha eile. Agus bha an t-ùghdar ag ainmeachadh trì dòighean airson raineach a mharbhadh. Anns a’ chiad dol a-mach, le bhith ga gearradh sìos gu talamh gu tric ann am pà ircean ionaltraidh. B’ e an dà rna dòigh le bhith a’ cur todhar oirre ann am pailteas ann an imirean arbhair.
Ach b’ e an treas dòigh an tè a bu mhotha a ghlac m’ aire. A rèir a’ chunntais anns an leabhar, ʼs e an dòigh as fheà rr airson faighinn cuidhteas na rainich a bhith a’ dòrtadh mùn oirre. B’ fheà rr leam gum biodh an cunntas air innse dhuinn co-dhiù dhèanadh fir a’ bhaile a’ chùis le bhith a’ mùn oirre gu cunbhalach. No am biodh e na bu ghlice maistir a ghleidheadh mar a bhitheadh anns an t-seann aimsir, agus sin a dhòrtadh air an rainich?
B’ e am fear a sgrìobh an cunntas seo an t-Urramach Iain Lightfoot, eòlaiche-nà dair Sasannach a bha beò anns an ochdamh linn deug. Chuir e seachad ùine ann an Alba agus sgrìobh e an leabhar ainmeil Flora Scotica.Ìý
Gu h-inntinneach, bha Lightfoot dhen bheachd gun robh barrachd feum ann an raineach na bh’ ann de chron. Mar eisimpleir, bha cuid a’ cleachdadh ghasan rainich mar thughadh air na taighean aca. Agus bha i feumail air an talamh. Nam biodh raineach gheà rrte air a fà gail air an talamh airson lobhadh, bhiodh i a’ cur ri torachas na talmhainn. Bha raineach gu sònraichte math mar thodhar airson buntà ta.
Bha i feumail anns a’ bhà thaich mar easradh – sin a’ Ghà idhlig air ‘litter’ airson crodh. Nuair a bha i tioram bha raineach math cuideachd mar chonnadh airson leithid fuine arain.
Tha Lightfoot ag innse dhuinn gun robh feadhainn a’ dèanamh nà dar de shiabann à raineach. Bhiodh iad ga gearradh nuair a bha i uaine agus ga losgadh airson luaithre a dhèanamh. Dhèanadh iad buill bheaga le bhith a’ measgachadh na luaithre le uisge. Bhiodh iad a’ tiormachadh nam ball agus gan cleachdadh airson anart a ghlanadh an à ite siabann.
Bha eadhon margaidh ann airson na leithid, a rèir Lightfoot. Anns na h-Eileanan Siar, bhiodh gu leòr de dhaoine a’ dèanamh prothaid mhòr le bhith a’ reic luaithre rainich do dhaoine a dhèanadh siabann no glainne leatha. Is truagh e nach eil cothrom ann fhathast prothaid a dhèanamh às an rainich-mhòr!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach a’ ciallachadh: meaning; raineach-mhòr: bracken fern; sprèidh: livestock, especially cattle; ùghdar: author; pà ircean ionaltraidh: grazing pasture; maistir: stale urine (kept for various purposes); todhar: manure; siabann: soap; luaithre: ashes; a’ measgachadh: mixing; prothaid: profit.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha i a’ còmhdachadh leòidean beinne agus seann talamh-à itich air feadh na Gà idhealtachd: it covers mountainsides and formerly farmed land throughout the Highlands; a’ mùchadh lusan beaga agus fiùrain craoibhe tha a’ feuchainn ri fàs fòidhpe: smothering small plants and tree saplings that are trying to grow below it; doirbh aig amannan coiseachd: difficult at times to walk; tro raon far a bheil an raineach à rd agus tiugh: through an area where the bracken is tall and dense; à rainn mhath airson ghartan: a good habitat for ticks; airson faighinn cuidhteas: to get rid of; le bhith a’ cur todhar oirre ann am pailteas: by putting large amounts of manure on it; ann an imirean arbhair: in fields of cereals/corn; an tè a bu mhotha a ghlac m’ aire: the one that most grabbed my attention; a’ dòrtadh mùn oirre: pouring urine on it; b’ fheà rr leam gum biodh an cunntas air innse dhuinn co-dhiù dhèanadh fir a’ bhaile a’ chùis le bhith a’ mùn oirre gu cunbhalach: I’d prefer it if the account had told us if the men of the township would be successful by regularly urinating on it; gun robh barrachd feum ann an raineach na bh’ ann de chron: that bracken was of more use than it was damaging; bha cuid a’ cleachdadh ghasan rainich mar thughadh: some people were using bracken stalks as thatching; nam biodh raineach gheà rrte air a fà gail air an talamh airson lobhadh: if cut bracken were left on the ground to rot; a’ cur ri torachas na talmhainn: adding to the fertility of the land; mar chonnadh airson leithid fuine arain: as fuel for such as baking bread; a’ tiormachadh nam ball: drying the balls; airson anart a ghlanadh: for cleaning linen; bha eadhon margaidh ann airson na leithid: there was even a market for the like; a’ dèanamh prothaid mhòr le bhith a’ reic luaithre rainich: making a big profit by selling bracken ash.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼEil sibh ag aontachadh rium?: do you agree with me? This is a shortened way of writing a bheil sibh and is commonly used in informal or colloquial writing as it reflects how people often speak. The apostrophe indicates that there are missing letters at the start. For example, you would more commonly hear ‘ʼeil thu cinnteach?’ in conversation rather than ‘a bheil thu cinnteach?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gu bheil raineach na plà igh: that bracken is a plague.
Broadcast
- Sun 9 Jul 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.