Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Cho cudromach 's a tha e daoine oideachadh, bhon òige, a bhith ag ithe ann an dòigh fallainn. The importance of educating people, from a young age, to eat healthily.

Na bu thràithe air a' mhìos, bha sinn a‘ comharrachadh 75 bliadhna bho chaidh an NHS a stèidheachadh agus Cathy ann an còmhradh le dotairean agus luchd-altram a bha 's a tha ag obair dhan NHS. Aon cuspair a chaidh a thogail tric sa chòmhradh 's e cho cudromach 's a tha e daoine oideachadh bhon òige, mu na tha sinn ag ithe ‘s a' bhuaidh mhòr a tha sin a’ toirt air ar slàinte agus air an NHS. An-diugh, tha sinn a' dol a thogail air a sin leis an Dr Dùghlas Moireasdan, a tha a' rannsachadh màitheas bìdh 's a' bhuaidh a th’ aige oirnn; Fiona NicAonghais, a bha a' teagasg Biadh is Màitheas sna sgoiltean agus Dolina Monaghan, a bha a' còcaireachd fad bhliadhnaichean ann am prìosan do mhnàthan.

Tha taghadh-choitcheann gu bhith sa Spàinn Là na Sàbaid far a bheil buidheann ùr poilitigeach, Sumar, a tha a' leanntainn beachdan bhon làimhe clì agus na h-Uainich, an dòchas a bhith soirbheachail. Bheir Catriona Zoltowska dhuinn eachdraidh-beatha ceannard Sumar, Yolanda Díaz,

Chunnaic sinn an t-seachdain a chaidh, teaghlach an t-seinneadar ainmeil, Aretha Franklin air ais anns a' chùirt, 's iad a' còmhstri mu thimcheall an tiomnadh a dh’fhàg i, 's na chois iomadach bileag paipear na laimh-sgriòbhaidh le atharraichean a bha i airson cuir ris an tiomnadh. Mìnichidh an tè-lagha, Magaidh NicAoidh, cho cudromach ‘s a tha e gun tèid tiomnadh foirmeil fhàgail agus na bhios a' tachairt san dùthaich seo mur a bheil sin ann. A bhheil seasamh sam bith aig càil ann an làmh-sgrìobhaidh?

Agus nì Patsi NicChoinnich lèirmheas air an leabhar A Pebble in the Throat, a sgrìobh Aasmah Mir mu a bhith a' fàs suas ann am baile Ghlaschu sna 70an, beò eadar dà chultar - Albannach agus Pagastànach.

57 minutes

Last on

Tue 18 Jul 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 18 Jul 2023 09:00
  • Tue 18 Jul 2023 22:25