Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Ant-seachdain s' chuala sinn Catriona Mhoireach a' toirt beachd air an leabhar ùr, Na Sgeulachdan Gàidhlig aig Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.

Na bu thràithe air a' mhìos, bha sinn a‘ comharrachadh 75 bliadhna bho chaidh an NHS a stèidheachadh agus Cathy ann an còmhradh le dotairean agus luchd-altram a bha 's a tha ag obair dhan NHS. Aon cuspair a chaidh a thogail tric sa chòmhradh 's e cho cudromach 's a tha e daoine oideachadh bhon òige, mu na tha sinn ag ithe ‘s a' bhuaidh mhòr a tha sin a’ toirt air ar slàinte agus air an NHS. Dimàirt, thog Cathy air a sin leis an Dr Dùghlas Moireasdan, a tha a' rannsachadh màitheas bìdh 's a' bhuaidh a th’ aige oirnn; Fiona NicAonghais, a bha a' teagasg Biadh is Màitheas sna sgoiltean agus Dolina Monaghan, a bha a' còcaireachd fad bhliadhnaichean ann am prìosan do mhnàthan.

Rugadh cèiliche na seachdain, Murchadh MacAoidh ann an Dail bho Thuath, agus thogadh e ann am baile Chrois ann an Nis ach bho chionn iomadach bliadhna tha e air a dhachaigh a dhèanamh ann a Halifax, an Alba Nuadh.

Thathas air a bhith a’ comharrachadh 155 bliadhna bho rugadh a' chiad àl de chuileanan Golden Retriever aig Guisachan House ann an Gleann Afraig. Chan eil bliadhna a’ dol seachad nach eil an gnè choin seo sa phrìomh dheich agus mar is trice sa phrìomh àite am measg nan coin is fhèarr le daoine bho air feadh an t-saoghail. Chaidh Angela NicFhionghuin a bhruidhinn ri dà theaghlach air taobh siar Leòdhais aig nach biodh gnè coin ach iad fhèin.

57 minutes

Last on

Sun 23 Jul 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 23 Jul 2023 12:00