Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1256
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1256. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 13 Aug 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 952
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1256
Duration: 05:00
Litir 1256: Bà rr Èibhinn (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun chloich-neirt ri taobh na h-eaglaise ann am Bà rr Èibhinn air oighreachd Chaladair. Thathar ag rà dh gu bheil ochd clachan deug de chuideam innte. Tha sin co-ionann ri ceud is ceithir-deug cileagraman. Tha i fìor dhoirbh a thogail. Tha i ri taobh na seann eaglaise ann an Clachan Bhà rr Èibhinn.
Tha cunntas againn dhen chloich bho ochd ceud deug is ochdad (1880). Bha tuathanach a’ fuireach ri taobh a’ chlachain. ʼS e Uilleam Mac an Tòisich an t-ainm a bh’ air. Bha e seachdad ʼs a seachd bliadhna a dh’aois. Dh’inns Mac an Tòisich don fhear a sgrìobh an cunntas – Uilleam Jolly – gun robh comas aige a’ chlach a thogail nuair a bha e òg. Bha e eadhon comasach air a togail gu h-à rd agus a cur air muin a’ ghà rraidh a tha timcheall a’ chladh.
Cha b’ e sin a-mhà in, ach dh’inns caraid aig Jolly a bha còmhla ris gun robh a sheanmhair air a’ chlach a thogail. Rinn i sin le bhith a’ cur a h-aparain fòidhpe. Tha an cunntas sin inntinneach oir, ann am beul-aithris nan Gà idheal, bhiodh bana-bhuidsich a’ togail chlachan mòra le bhith a’ cleachdadh an aparan. Agus bhiodh fir Ghà idhealach a’ togail chuideaman mòra uaireannan le bhith a’ cur am fèilidhean fòdhpa.
Chan eil e soilleir cia mheud duine a th’ air Clach-neirt Bhà rr Èibhinn a thogail bhon uair sin. Ach tha cunntas inntinneach a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid mu cheangal eadar a’ chlach agus Uibhist a Tuath.Â
Bha fear às an Eilean Sgitheanach – Dòmhnall MacIllEathain – ag obair mar phoileas agus mar thuathanach ann an Siorrachd Narann anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh. Dh’fhà g e an t-eilean gun sgillinn ruadh na phòcaid, ach shà bhail e airgead gu leòr airson fearann ri taobh Clachan Bhà rr Èibhinn a cheannach. Bha Dòmhnall gu math là idir agus bha ùidh aige sa chloich-neirt. Ach chan eil e dearbhte gun do thog esan i.
Cheannaich Dòmhnall crodh bho dhaoine ann an Uibhist a Tuath. Fhuair e eòlas air Uibhistich agus thug e obair do fheadhainn aca air an tuathanas aige aig à m an Dà rna Cogaidh. A rèir aithris, chùm na h-Uibhistich farpais airson faicinn cò bha comasach air a’ chlach a thogail. B’ e an aon duine a rinn an gnothach fear Pà draig MacIllEathain.
Ann an dà mhìle ʼs a dhà -dheug (2012), thog fear à Eilginn, Martin Jancsics, a’ chlach gu a ghualainn – a’ chiad duine anns an linn seo a rinn sin, a rèir aithris. Tha esan ag rà dh nach eil a’ chlach buileach cho trom ʼs a tha feadhainn eile a’ cumail a-mach. Tha dìreach ceud ʼs a còig cileagraman de chuideam innte!
Ceithir bliadhna an dèidh sin, thill Martin airson bhidio a dhèanamh, agus e fhèin a’ togail na cloiche. Bhon uair sin, tha grunnan dhaoine air bhidiothan a dhèanamh dhiubh fhèin, agus iad a’ togail na cloiche don ghualainn no eadhon os an cionn.
Tha rudeigin laghach mu na ‘farpaisean’ togail seo. Tha iad gu mòr co-cheangailte ri eachdraidh agus dualchas nan Gà idheal. Tha na clachan fhèin gu math eachdraidheil, mar a tha an tè ann am Bà rr Èibhinn.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: co-ionann ri: equivalent to; fìor dhoirbh: very difficult; Uilleam Mac an Tòisich: William MacIntosh; bana-bhuidsich: witches; Uibhist a Tuath: North Uist; crodh: cattle; Pà draig MacIllEathain: Peter Maclean; Eilginn: Elgin; laghach: nice; eachdraidheil: historic.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mun chloich-neirt ri taobh na h-eaglaise ann am Bà rr Èibhinn air oighreachd Chaladair: about the lifting stone next to the church in Barevan on the Cawdor estate; bha tuathanach a’ fuireach ri taobh a’ chlachain: a farmer was living next to the kirkton; gun robh comas aige a’ chlach a thogail nuair a bha e òg: that he was able to lift the stone when he was young; gun robh a sheanmhair air a’ chlach a thogail: that his grandmother had lifted the stone; le bhith a’ cur a h-aparain fòidhpe: by putting her apron underneath it; a’ togail chuideaman mòra uaireannan le bhith a’ cur am fèilidhean fòdhpa: lifting big weights by putting their plaids underneath them; bha fear às an Eilean Sgitheanach – Dòmhnall MacIllEathain – ag obair mar phoileas agus mar thuathanach ann an Siorrachd Narann: a man from Skye – Donald Maclean – was working as a policeman and farmer in Nairnshire; bha ùidh aige: he was interested; chan eil e dearbhte gun do thog esan i: it’s not proven that he lifted it; chùm na h-Uibhistich farpais: the Uist men held a competition; chithear a’ bhidio: the video can be seen; a’ togail na cloiche don ghualainn no eadhon os an cionn: lifting the stone to the shoulder or even above them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha e eadhon comasach air a togail gu h-à rd agus a cur air muin a’ ghà rraidh: that he was even capable of lifting it high and putting it on top of the stone wall. The phrase air a togail has the possessive pronoun within it. Because clach is a feminine noun, it is the third person singular feminine pronoun we employ and this does not lenite the noun. It is the same with air a cur. If I had been talking about a masculine noun e.g. ²úò°ù»å, I would have said ‘bha e comasach air a thogail...’ Here are other examples: bha e comasach air mo thogail ‘he was able to lift me’; am bithinn comasach air do thogail? ‘would I be able to lift you?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Thathar ag rà dh gu bheil ochd clachan deug de chuideam innte: it’s said that it weighs eighteen stones [lit. ‘that there are eighteen stones of weight in her’].
Broadcast
- Sun 13 Aug 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.