Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dealbh-chliuch mu sheòladh a' Mhetagama 1923

Dealbh-chluich le Bun-sgoil Lacasdail ag innse mar a sheòl am Metagama ann an 1923. A play by the children of Laxdale Primary School telling the story of the SS Metagama.

Chomharraich bun-sgoiltean Leòdhais na ceud bliadhna bho sheòl an SS Metagama anns a’ Ghiblean 1923 na bu tràithe am-bliadhna. Chuir naoi sgoiltean an dealbh-chluich aca fhèin air àrd-ùrlar, le cuideachadh bho inbhich sa choimhearsnachd gach cuid air cùl gnothaich agus air an àrd-ùrlar. An toiseach chaidh eòlaichean eachdraidh bho na sgìrean fa leth a-steach do na sgoiltean airson mìneachadh a thoirt seachad air mar a bha cùisean sna h-eileanan siar aig an àm agus à sin dhealbhaich sgrìobhaichean agus na sgoilearan, le taic stiùiridh bhon oide dràma, Marisa NicDhòmhnaill, dealbh-chluich a bhuineadh dhan sgìre aca fhèin. Fhuair Dìleab-Metagama - compàirteachas eadar Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus Fèisean nan Gàidheal - taic bhon phròiseact Treòir, Voar, Virr aig Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh dealbh-chluich Bun-sgoil Lacasdail air a sgrìobhadh le Duncan Norman Macleòid. Chaidh a chlàradh le Sgioba Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar.

30 minutes

Last on

Sun 20 Aug 2023 10:00

Broadcasts

  • Mon 14 Aug 2023 15:30
  • Wed 16 Aug 2023 20:00
  • Sun 20 Aug 2023 10:00