Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Eachdraidh na Sacklers leis a bheil a' chompanaidh a chruthaich an druga connspaideach OxyContin. The history of the Sackler family who are behind the controversial drug OxyContin.

Tha sreath ri fhaicinn air Netflix an-dràsta stèidhichte air an sgeulachd co-cheangailte ris an opioid OxyContin agus an teaghlach Sackler leis a bheil a' chompanaidh Purdue Pharmair a chruthaich an druga. Tha na prògraman Painkiller a' togail air a’ bhuaidh a tha OxyContin air a thoirt air beatha dhaoine ann am Ameireagaidh agus mar a bha an teaghlach a' cur prothaid air thoiseach air slàinte. Bheir Michael MacAoidh dhuinn eachdraidh an teaghlaich Sackler agus mìnichidh an Dotair Sìne Dickson dè an seòrsa druga a th' ann an OxyContin, dè cho feumail 's a tha e agus a' bhuaidh a bheir e air euslaintich nuair a tha iad dha ghabhail airson ùine.

Tha biotais gu mòr san fhasan an-dràsta agus gu leòr a' moladh cho fallan 's a tha e dhut. Cluinnidh sinn bho Chalina NicDhòmhnaill mu cho fùrasta 's a tha e biotais fhàs agus gheibh sinn reasabaidh no dhà bhuaipe cuideachd.

Agus nì Dòmhnaill Iain Dòmhnallach lèirmheas air The Best of Irish Comedy, far a bheil ceathrar chleasaichean comaig à Èirinn ri fhaicinn còmhla air an àrd-ùrlar aig Fèis Dhùn Èideann.

57 minutes

Last on

Tue 22 Aug 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 22 Aug 2023 09:00
  • Tue 22 Aug 2023 22:25