Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain seo còmhla ri Maureen NicLeòid

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen NicLeòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen MacLeod.

A' comharrachadh dà cheud bliadhna gu leth bho ghabh an dithis sgrìobhadair ainmeil an Dotair Samuel Johnson agus Seumas Boswell turas tron Ghaidhealtachd ‘s na h-eileanan. Ghabh am fear-naidheachd againne Ruairidh MacÌomhair cothrom pàirt den t-slighe a ghabh iadsan a ghabhail e fhèin ' s e a' dèanamh a rathad à Inbhir Narann chun Eilean Sgitheanach. Dh' innis e do Mhaureen dheidhinn.

An t-seachdain a chaidh, bha an sianail telebhisein Sky Arts a’ comharrachadh beatha agus obair an neach-ealain David Hockney ann an trì prògraman thairis air dà oidhche. Rugadh Hockney ann am Bradford an ceann a tuath Shasainn agus tha e air fìor chliù a chosnadh air feadh an t-saoghail. Thug an neach-ealain Iseabail Mhoireach sùil air na prògraman agus mhìnich i dè a tha cho sònraichte mun obair aige.

Tha 25 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Drochaid Scalpaigh fhosgladh. Bha feadhainn ann an còmhradh ri Maureen mun là fhèin, nuair a thàinig Tony Blair, a bha na Phrìomhaire aig àm, chun eilein, mun strì airson na drochaid a thogail agus mun diofar a rinn e.

Agus thèid leabhar ùr mu ainmean-àite Gàidhlig baile Ghlaschu fhoillseachadh air a' mhìos sa. Tha 'Glasgow’s Gaelic Place Names' air a sgrìobhadh leis an Dr Alasdair MacIlleBhàin bho Oilthigh Ghlaschu, Katherine Forsyth agus Simon Taylor. Bha Alasdair ag innse do Mhaureen mar a ghabh e ùidh ann an ainmean-àite an toiseach agus mar a tha ainmean-sgìreil Ghlaschu ag innse dhuinn gu bheil a' Ghàidhlig air a bhith sa bhaile airson mu mhìle bliadhna.

57 minutes

Last on

Sun 3 Sep 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 3 Sep 2023 12:00