Taghadh na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Nochd leabhar à sgìre Ùige, Leòdhais bho chionn ghoirid - The Way It Was: Conversations With Iain Tobaidh. A Lifetime Of Stories From Uig, Isle of Lewis and Beyond. Rugadh Iain 'Tobaidh' Dòmhnallach ann am Breanais ann an 1925. Bha chuimhne gheur aige agus grèim air a h-uile cà il a thug buaidh air a sgìre tro na bliadhnaichean bhon Dà rna Cogadh, croiteareachd, sealg na muice-mara ann a South Georgia, fighe, sloinntearachd, cà irdeas agus daoine. Tha mic Iain air na sgeulachdan aige a tharraing ri chèile 's bha Ùigeach eile, Iain MacIllEathain, ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Dh'fhaodadh gun tèid lìon fhàs às ùr an Alba do ghnìomhachas an fhasain. Tron 18mh linn, bha mòran anairt ga dhèanamh an Alba mus do ghabh muilnean-cotain cùisean thairis. Dè bhuannachd a bhiodh na chois, nam biodh barrachd aodaich ga dhèanamh à anart an-diugh?
Chuala sinn bho Rona Wilkie mun phà ipeir ùr a sgrìobh i airson iris sgoilearach a tha a’ toirt sùil às ùr air traidisean òrain luaidh ann an Gà idhlig agus mar a bha boireannnaich gan cleachdadh.
B' e Calum Mà rtainn cèiliche na seachdain. Rugadh Calum an Glaschu ach ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Chaidh e dhan arm na òige, gu gà rraidhean ola Chiseorn agus greis a-null a Chanada ach thill e a Leòdhas far an tug saoghal a' chiùil e air slighe ùr.
Last on
Broadcast
- Sun 10 Sep 2023 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal