Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1260
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1260. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 10 Sep 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 956
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1260
Duration: 05:00
Litir 1260: Seanfhaclan na mara
An t-seachdain sa chaidh, thug mi iomradh air an t-seann mharaiche, Seòras MacLeòid nach maireann – Seòras Chaluim Sheòrais à Beà rnaraigh Leòdhais. Bha Seòras na iasgair agus bha e là n eòlais agus beul-aithris ionadail. Tha a dhìleab beò fhathast anns an leabhar Muir is Tìr.
Tha sreath sheanfhaclan aige mu eathraichean, aimsir, an tìde-mhara is mar sin air adhart, agus tha aon seanfhacal a’ buntainn riumsa gu mòr am-bliadhna. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. The man who keeps his ship, or boat, he’ll get one day to sail her. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Carson a tha an seanfhacal sin a’ buntainn riumsa?
Uill, tha mi fortanach gu leòr ʼs gu bheil gheat agam. Tha i beag, sean is gun a bhith spaideil. Ach tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr a bhith a’ falbh innte do na h-uisgeachan eadar Cnòideart is Toirbheartan, Ciseorn agus an t-Eilean Sgitheanach. ʼS e sgìre à lainn a th’ innte airson a bhith a’ seòladh. ʼS iomadh acarsaid bhrèagha a th’ ann, tha na seallaidhean à lainn agus gu tric chì sinn leumadairean agus peileagan.
Ge-tà , am-bliadhna, tha cus rudan eile air a bhith a’ dol agam, agus tha a’ gheat air a bhith air tìr fad a’ gheamhraidh, fad an earraich agus fad an t-samhraidh. Tha e duilich ach sin mar a tha.
Ach an robh mi a’ beachdachadh air faighinn cuidhteas i leis nach bi mi a’ seòladh innte am-bliadhna? Cha robh, gu dearbh! Mar a chanas an seanfhacal – Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Tha dùil agam seòladh innte an-ath-bhliadhna. Nam bithinn air a reic, cha bhiodh an cothrom sin agam ann.
Tha seanfhacal eile car coltach ri sin. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an à m a’ chogaidh. He who does not retain his arms during peace will not have them in time of war. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an à m a’ chogaidh. Bu chòir dhuinn beachdachadh, mus fhaigh sinn cuidhteas rud sam bith, am bi feum againn air anns an ùine romhainn.
Ann am Muir is Tìr, tha dealbh de na pà irtean de dhubhan iasgaich. Le dubhan iasgaich, tha mi a’ ciallachadh fishing hook. ʼS e am pìos dham bithear a’ ceangal an t-snòid an ²õ±èò²µ. Ann am Beurla ʼs e sin an spade end. Gu tric an-diugh, bidh ²õù¾±±ô no eye ann.
ʼS e am pìos fada an calpa. Ann am Beurla, shank. An uair sin am bend. Ann an Gà idhlig – an glac. Tha dà phà irt eile ann – an riofag – am pìos geur a chuireas stad air iasg bho bhith a’ faighinn dheth. Barb ann am Beurla. Riofag ann an Gà idhlig. Agus mu dheireadh ‘the point of the hook’. Ann an Gà idhlig, ʼs e sin an gob.Â
Tha Seòras Chaluim Sheòrais a’ toirt dhuinn seanfhacal le gob an dubhain ann. Is corrach gob an dubhain. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘the point of the hook is precarious, insecure’. Tha Seòras ga eadar-theangachadh mar ‘the fishing life is dangerous’. ʼS e an fhìrinn a th’ aige. Is corrach gob an dubhain.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Beà rnaraigh Leòdhais: Great Bernera; a dhìleab: his legacy; lethbhreac: copy; gheat: yacht; dubhan iasgaich: fishing hook; riofag: barb (of a hook).
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: thug mi iomradh air an t-seann mharaiche: I made mention of the old mariner; là n eòlais agus beul-aithris ionadail: full of local knowledge and lore; tha sreath sheanfhaclan aige mu eathraichean, aimsir, an tìde-mhara is mar sin air adhart: he has a series of proverbs about boats, weather, the tide and so on; tha aon seanfhacal a’ buntainn riumsa gu mòr am-bliadhna: one proverb particularly applies to me this year; beag, sean is gun a bhith spaideil: small, old and not too fancy; tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr a bhith a’ falbh innte: I really enjoy going in her; na h-uisgeachan eadar Cnòideart is Toirbheartan, Ciseorn agus an t-Eilean Sgitheanach: the waters between Knoydart and Torridon, Kishorn and Skye; ʼs iomadh acarsaid bhrèagha a th’ ann: there are many beautiful harbours; gu tric chì sinn leumadairean agus peileagan: often we see dolphins and porpoises; tha cus rudan eile air a bhith a’ dol agam: I’ve had too many things happening; air tìr fad a’ gheamhraidh, fad an earraich agus fad an t-samhraidh: on land all winter, all spring and all summer; tha dùil agam seòladh innte an-ath-bhliadhna: I expect to sail in her next year; nam bithinn air a reic, cha bhiodh an cothrom sin agam ann: if I had sold her, I wouldn’t have that opportunity (‘ann’ gives emphasis); am bi feum againn air anns an ùine romhainn: will we need it in the time ahead; ʼs e an fhìrinn a th’ aige: he is telling the truth.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: an robh mi a’ beachdachadh air faighinn cuidhteas i?: was I thinking of getting rid of it? This is a useful phrase and sometimes you will hear the simple preposition ‘d±ð’ employed. Here’s how it works. Faigh cuidhteas e/dheth/dhith! ‘get rid of it’. Bha mi a’ dol a dh’fhaighinn cuidhteas e/dheth/dhith ‘I was going to get rid of it’. Am faigh thu cuidhteas iad/dhiubh? ‘will you get rid of them?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha e duilich ach sin mar a tha: it’s a pity but that’s how it is.
Broadcast
- Sun 10 Sep 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.