Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè a' bhèiceareachd a b' fheàrr a chaidh leibh 's dè a dh'fàillich oirbh? As the 14th series of Bake Off gets going tonight, baking enthusiasts reflect on their own wins and flops!

Tha sinn a' cluinntinn mun taisbeanadh ùr, Don't Buy Mi , air a chuir ri chèile leis an ealanaiche Rachel Maclean. Tha Eòghan MacColla air fhaicinn agus e ag innse do Chathy mu dheidhinn.

Tha deich bliadhna bho chaidh stèideam a Hydro fhosgladh ann an Glaschu. Tha Emma NicLaomainn, a th' air ùr thilleadh às an dèidh cuirm air an deireadh sheachdain, a' toirt sùil air buaidh an Ovo Hydro air Glaschu.

Tha an ceathramh sreath deug de The Great British Bake Off a' tòiseachadh air Sianail 4 a-nochd. An-diugh, tha sinne faighneachd do fheadhainn a bhios a' bèiceareachd, dè na rudan as fheàrr a bhios a dol leotha, dè na rudan a th' air a dhol gu math ceàrr agus am b' urrainn dhaibh fhèin fuine nuair a tha daoine gan coimhead 's gan cumail ris an uair?!

Chaidh leabhar ùr mun bhàrd Somhairle MacGill-Eain fhoillseachadh Dihaoine. Tha Somhairle MacGill-Eain, Na Bhriathran Fhèin a’ bruidhinn air na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha an leabhar stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a' bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach. Tha Marc Wringe air a bhith a' toirt sùil tron leabhar.

57 minutes

Last on

Tue 26 Sep 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 26 Sep 2023 09:00
  • Tue 26 Sep 2023 22:25