Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dè an t-òran cèilidh as fhèarr leat agus carson? Sin a' cheist a chuir Cathy air grunn an t-seachdain a chaidh. Dimà irt 's e na taghaidhean agus Cairistìona Stone agus Eà irdsidh MacIllEathain a chuala sinn.
Tha an taisbeanadh Scottish Women Artists - 250 Years of Challenging Perceptions ri fhaicinn an-drà sta aig Dovecot Studios an Dùn Èideann. Chaidh Cathy Ann còmhal ri Angela NicEachainn, Dolina NicIllinnein, Elspeth Turner agus Deirdre Nì Mhathuna, agus ghabh iad cuairt timcheall na tha ri fhaicinn. Mar a tha an tiotal ag innse, tha e a' ruith air eachdraidh obair ealain bhoireannaich Albannaich, a' dol air ais 250 bliadhna. B' i Catherine Read (1723-78) à Dùn Dè, a' chiad boireannach Albannach a fhuair trèanadh oifigeil mar ealanaiche aig à m far nach robh sin idir à bhaisteach. Tha na dealbhan air an tarraing bho Chruinneachadh MacPhlèiminn - tasglann phrìobhaideach Albannach.
Rinn Dòmhnall MacIllEathain lèirmheas air an leabhar ùr, Beà rnaraigh na Hearadh: ‘Tis Fifty Years Since – A Study of Life in a Hebridean Island Community’.
Tha deich bliadhna fichead bho bhuannaich cèiliche na seachdain bònn òr aig Mòd Àrd Ruighe. Ged a tha buinteanas aig Maeve NicFhionghain ris a' Ghearastan, Barraigh agus Èirisgeidh tha i an-diugh a' fuireach ann an Glaschu far a bheil i na Stiùiriche air Foghlam na Gà idhlig aig Riaghaltas na h-Alba.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 22 Oct 2023 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal