Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1266
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1266. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 22 Oct 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 962
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1266
Duration: 05:00
Litir 1266: Cabhlach Hákon
Bha mi ag innse dhuibh mu Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus mar a chuir Rìgh Hákon Nirribhidh cabhlach mòr gu ruige Alba anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263). As t-Earrach, chuir Hákon teachdairean a dh’Arcaibh. Dh’inns iad do mhuinntir Arcaibh gum biodh cabhlach mòr a’ tighinn à Nirribhidh as t-samhradh. Agus lorg iad feadhainn aig an robh eòlas sònraichte air na h-eileanan agus na cladaichean.
Dh’fhà g an cabhlach Bergen trà th san Iuchar agus chaidh e an toiseach a Shealtainn. Bha e ann a sin airson ceala-deug fhad ʼs a bhathar a’ togail airgead bho mhuinntir Ghallaibh airson na h-iomairt. An uair sin, chaidh an cabhlach air adhart a dh’Arcaibh.
Anns na seachdainean roimhe sin, bha beachdairean Lochlannach air a dhol air thoiseach airson faighinn a-mach am biodh Hákon a’ faighinn taic air an taobh an iar. Dè cho dìleas a bhiodh na daoine agus an ceannardan ionadail dha?
Fhuair iad droch naidheachd bho Latharna. Bha an ceannard acasan – Eòghann Latharna – air foillseachadh gum biodh e dìleas do Rìgh na h-Alba. Cha bhiodh e furasta do Hákon maraichean is saighdearan fhastadh anns na sgìrean sin.
Bha fios air a bhith aig muinntir na h-Alba fad mhìosan gun robh an cabhlach a’ tighinn. Bha beachdairean a’ cumail sùil air na longan Nirribheach fhad ʼs a bha iad a’ dèanamh an slighe à Arcaibh. Thog na h-Albannaich longan cogaidh, ged nach b’ urrainn dhaibh cabhlach a chur ri chèile a bhiodh cho mòr ri cabhlach Nirribhidh.
Rinn na h-Albannaich armachd agus chuir iad ris na daingnichean aca – cho fada deas ri Gall-Ghà idhealaibh. Lìon iad na taighean-stòraidh aca le grà in agus feòil. Phà igh iad airson sin le cìsean sònraichte a thog iad anns na sgìrean a bu mhotha a dh’fhuilingeadh nan tigeadh na Nirribhich gu tìr.
Dh’fhuiling muinntir Ghallaibh gu mòr. Chuir Hákon cìs orra aig toiseach an Iuchair, agus dh’òrdaich Alasdair gum biodh còrr is fichead Gallach air a chumail an grèim le Siorram Inbhir Nis mar ghiallan. Bha cogadh air fà ire. ʼS iongantach mura robh eagal air gu leòr de dh’Albannaich tron earrach is samhradh.
Thionndaidh an cabhlach aig a’ Pharbh agus chaidh iad gu deas. Rà inig iad an caolas eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. ʼS e Caol Àcain a th’ againn air a’ bhaile air an taobh Sgitheanach chun an latha an-diugh – a’ ciallachadh ‘Caol Hákon’.Â
Chùm an cabhlach a dol gu ruige Muile agus Cearrara. Fhuair iad taic an sin bho chuid de cheannardan ionadail, leithid Dhubhghaill a bha na ‘rìgh’ air na h-eileanan fo à rd-uachdranachd Nirribhidh. Chuir Dubhghall agus Rìgh Mà nus Eilein Mhanainn longan is daoine ris a’ chabhlach. Ged a bha ùghdarras Nirribhidh air a bhith car fad-às fad ùine, thug gu leòr de mhuinntir nan eilean taic do Hákon. Ghabh iad smachd air Cinn Tìre agus air Eilean Bhòid.
Aig a’ cheann thall, bha còrr math is ceud long aig Hákon. Bha an rathad fosgailte dha gu meadhan na h-Alba suas Abhainn Chluaidh. Tha e a’ coimhead coltach, ge-tà , nach robh Hákon no Alasdair ag iarraidh cogadh. Chuir Hákon teachdairean, a’ gabhail a-staigh dithis easbaigean, gu cùirt Alasdair. Chuir Alasdair a theachdairean fhèin – manaich Dhoiminiceach – gu Hákon. Aig a’ cheann thall ʼs e na thachradh do bhuidheann de dh’eileanan a chuir stad air aonta. Ach dè na h-eileanan? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Alasdair III: Alexander III; ceala-deug: a fortnight; beachdairean: scouts; Eòghann Latharna: Eoghan of Lorne; maraichean: seamen, mariners; longan cogaidh: warships; toiseach an Iuchair: the start of July; Caol Àcain: Kyleakin; fad-à s: distant; Abhainn Chluaidh: The River Clyde; dithis easbaigean: two bishops; manaich Dhoiminiceach: Dominican monks.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: As t-Earrach, chuir Hákon teachdairean a dh’Arcaibh: in Spring, Hákon sent messengers to Orkney; gum biodh cabhlach mòr a’ tighinn à Nirribhidh as t-samhradh: that a large fleet would be coming from Norway in the summer; feadhainn aig an robh eòlas sònraichte air na h-eileanan agus na cladaichean: some people who had expert knowledge of the islands and the shorelines; fhad ʼs a bhathar a’ togail airgead bho mhuinntir Ghallaibh airson na h-iomairt: while money was being raised from the people of Caithness for the campaign; dè cho dìleas a bhiodh na daoine agus an ceannardan ionadail dha?: how loyal to him would the people and their local leaders be?; chuir iad ris na daingnichean aca: they built up their strongholds; cho fada deas ri Gall-Ghà idhealaibh: as far south as Galloway; lìon iad na taighean-stòraidh aca le grà in agus feòil: they filled their storehouses with grain and meat; le cìsean sònraichte a thog iad: with special taxes they raised; anns na sgìrean a bu mhotha a dh’fhuilingeadh: in the areas that would suffer most; bha cogadh air fà ire: war was likely; ʼs iongantach mura robh eagal air gu leòr de dh’Albannaich: it’s likely that many Scots were afraid; thionndaidh an cabhlach aig a’ Pharbh: the fleet turned at Cape Wrath; chuir Dubhghall agus Rìgh Mà nus Eilein Mhanainn longan is daoine ris a’ chabhlach: Dubhghall and King Magnus of The Isle of Man supplied ships and men for the fleet; ghabh iad smachd air Cinn Tìre agus air Eilean Bhòid: they took control of Kintyre and Bute; aig a’ cheann thall ʼs e na thachradh do bhuidheann de dh’eileanan a chuir stad air aonta: in the end it’s what would happen to a group of islands that prevented an agreement.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼS e Caol Àcain a th’ againn air a’ bhaile: this is an idiomatic way of saying ‘we call the village Kyleakin’. Names are ‘on’ people and places. Here are some other examples: ʼs e ‘Dodo’ a th’ againn air Donnchadh ‘we call Duncan ‘Dodo’’; ʼs e ‘An Rìgh’ a bh’ aig muinntir an à ite air ‘the local people called him ‘The King’â¶Ä™.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chuir X cìs orra: X levied a tax on them.
Broadcast
- Sun 22 Oct 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.