Còmhla ri Agnes NicFhearghais Mitchell, an Eaglais Abstolach
Seirbheis còmhla ri Agnes NicFhearghais Mitchell bhon Eaglais Abstolach. Gaelic religious service with Agnes Ferguson-Mitchell from the Apostolic Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus an leughadh a leanas:
Salm 84: 4-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
An còmhlan na Brogues bhon chlà radh Seinneamaid Còmhla agus iad a' seinn, Gabh Mo Bheatha, 's Bitheadh i.
Ceana Chaimbeul a' seinn Salm 23 bhon chlà radh aig Lasair Dhè.
Leughadh: Salm 84
Rugadh Agnes NicFhearghais Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a 'Faith Mission' ann an Dùn Èideann far an d’fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.
Ghluais i a Chanada far an robh Agnes a' sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann an Vancouver agus bha Daibhidh, an duine aice, na mhinistear anns an Eaglais Congregational ann an Canada bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha anns a' choitheanal. Tha ceathrar chloinne aca agus bha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.
Chlà r Agnes seirbheisean Gà idhlig air-loidhne airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu. Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta airson còrr air deich bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Sun 29 Oct 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Oct 2023 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2024 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal