Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1269
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1269. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 12 Nov 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 965
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1269
Duration: 05:00
Litir 1269: BÃ s Alasdair III
Bha mi ag innse dhuibh mu Cho-chòrdadh Pheairt. Fhuair Alba a cumadh a th’ oirre an-diugh – ach a-mhà in Arcaibh is Sealtainn. Thachair sin còrr is seachd ceud gu leth bliadhna air ais. An-diugh tha mi a’ dol a thoirt an t-sreatha Litrichean seo gu ceann. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mun chòrr de bheatha Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus mun dìleib a dh’fhà g e.
Bha triùir chloinne aig Alasdair. Bha nighean aige – Mairead – a rugadh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). An uair sin bha dithis bhalach aige. Rugadh Alasdair ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a ceithir (1264). Agus rugadh Daibhidh ochd bliadhna an dèidh sin. Ge-tà , mar a chì sinn, cha do shuidh duine aca air an rìgh-chathair.
Ann an dà cheud deug, seachdad ʼs a còig (1275), chaochail bean Alasdair, air an robh Mairead cuideachd. Bha i a’ fulang le tinneas no galar air choreigin. Bha a h-athair, Eanraig III Shasainn, air bà sachadh trì bliadhna roimhe. Agus bha a brà thair, Eideard I, a-nise na rìgh ann an Sasainn. Bhiodh esan ainmeil, tro thìde, mar fhear a dh’fheuchadh ri Alba a chur fo smachd Shasainn. Agus bha e air a chuideachadh le bàs na cloinne gu lèir aig Alasdair III fhad ʼs a bha esan fhathast na rìgh.
Chaochail Daibhidh an toiseach, ann an dà cheud deug, ochdad ʼs a h-aon (1281) ann an Caisteal Shruighlea. Bha e dìreach ochd bliadhn’ a dh’aois.Â
Chaochail Mairead ann an dà cheud deug, ochdad ʼs a trì (1283). Bha i air Rìgh Nirribhidh, Erik (mac Mhà nais, ogha Hákon), a phòsadh. Bha i a’ fuireach ann an Nirribhidh. Bha aon nighean aca – Mairead (eile!). Ach chaochail mà thair na h-ìghne aig à m na breithe no goirid an dèidh sin. Bha Mairead òg na bana-phrionnsa aig Alba. Ge-tà , a rèir lagh Nirribhidh, cha bhiodh cead aig boireannach suidhe air rìgh-chathair na dùthcha sin.Â
Cha robh air fhà gail beò de chloinn Rìgh na h-Alba ach Alasdair, a mhac a bu shine. Ach chaochail esan cuideachd, bliadhna an dèidh a pheathar. Bha e dìreach fichead bliadhna a dh’aois.Â
Bha Alasdair III dìreach anns na ceathradan. Bha e slà n, fallain agus bha ban-ogha aige ann an Nirribhidh – Mairead, ‘Maighdean Nirribhidh’. A dh’aindeoin sin, thà inig ìmpidh air bean ùr òg a lorg, gus am biodh prionnsa no bana-phrionnsa aig Alba. Phòs e tè de dh’uaislean na Frainge – Yolande de Dreux – air Latha na Samhna dà cheud deug, ochdad ʼs a còig (1285).
Ach gu mì-fhortanach, dìreach còig mìosan an dèidh sin, thuit an Rìgh far an eich aige. Bha e a’ marcachd a dh’ionnsaigh Kinghorn ann am Fìobh airson a bhean fhaicinn. Bha e leis fhèin ann an dorchadas na h-oidhche. Bhris e amhaich.Â
Bha Yolande trom le leanabh ach cha do mhair an leatromachd. B’ i Mairead ‘Maighdean Nirribhidh’ a-nise oighre do Chrùn na h-Alba. Bha i ro òg airson Nirribhidh fhà gail. Ceithir bliadhna an dèidh sin, chaidh i thar a’ chuain ach chaochail i air an t-slighe.Â
Bha Alba às aonais rìgh no banrigh no oighre don Chrùn. An dèidh rìoghachadh comasach an Dà rna agus Treas Alasdair, bha là ithean dorcha agus cogaidhean na neo-eisimeileachd air fà ire.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: triùir chloinne: three children; rugadh: was born; Eanraig III Shasainn: Henry III of England; Eideard: Edward; Caisteal Shruighlea: Stirling Castle; ogha: grandchild; Latha na Samhna: 1st of November; às aonais: without.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Fhuair Alba a cumadh a th’ oirre an-diugh – ach a-mhà in Arcaibh is Sealtainn: Scotland achieved the shape [extent] it has today – with the exception of Orkney and Shetland; còrr is seachd ceud gu leth bliadhna air ais: more than 750 years ago; mun dìleib a dh’fhà g e: about the legacy he left; cha do shuidh duine aca air an rìgh-chathair: none of them sat on the throne; air an robh Mairead cuideachd: who was also called Margaret; a dh’fheuchadh ri Alba a chur fo smachd Shasainn: who would try to put Scotland under the control of England; bàs na cloinne gu lèir: the death of all the children; chaochail mà thair na h-ìghne aig à m na breithe no goirid an dèidh sin: the girl’s mother died at the time of the birth or shortly after that; a mhac a bu shine: his eldest son; dìreach anns na ceathradan: only in [his] forties; a dh’aindeoin sin, thà inig ìmpidh air bean ùr òg a lorg: despite that, pressure came on him to find a new young wife; thuit an Rìgh far an eich aige: the King fell from his horse; cha do mhair an leatromachd: the pregnancy did not last; oighre do Chrùn na h-Alba: heir to the Scottish Crown; thar a’ chuain: across the ocean; chaochail i air an t-slighe: she died on the journey; an dèidh rìoghachadh comasach an Dà rna agus Treas Alasdair: after the competent reign[s] of Alasdair II and Alasdair III; bha là ithean dorcha agus cogaidhean na neo-eisimeileachd air fà ire: dark days and the wars of independence were lying in wait.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chaochail esan cuideachd, bliadhna an dèidh a pheathar: he also died, a year after his sister. Peathar is the genitive form (in many dialects) of piuthar ‘sister’. It is here in the genitive because it is commanded by the compound preposition an dèidh. It is lenited because of a ‘his’, the masculine third person singular possessive pronoun, which incurs lenition (the feminine does not).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha dithis bhalach aige: he had two sons.
Broadcast
- Sun 12 Nov 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.