Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Calum MacMhathain 1991

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1991 còmhla ris an Urr Calum MacMhathain nach maireann. Gaelic archive service from 1991 with the late Rev Calum Matheson.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Martyrdom agus ‘ s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.

Salm 91: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Leughadh: Salm 116
Ceann-teagaisg: Salm 116: 7

Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach anns a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.

Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail agus dh'fhàg e an sgoil aig sia bliadhna deug a dh'aois. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d' fhuair e obair san t-Seirbheis Chatharra.

Bha guth sònraichte làidir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho làithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil, bhuannaich e am bonn òr aig a' mhòd ionadail airson seinn. Bha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann a bhith ga dìon.

Thòisich Calum air beatha Chrìosdail a leantainn nuair a bha e ann an Lunnainn agus, le càirdeas is coibhneas bho Ghàidheil Lunnainn, thàinig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Màrtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan chòisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh anns a' bhaile. Thoisich Calum a' searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.

Aig fìor dheireadh na trì ficheadan, ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhàg Calum an sgoil cha robh e air deuchainnean a shuidhe aig àrd-ìre agus le sin b' fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig àrd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh ann an litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air a sin bha e a' dol gu clasaichean prìobhaideach airson a' Ghàidhlig aige a leasachadh.

Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aon bliadhna deug. Chaidh a ghairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh.

Bhàsaich e ann an 1992 às dèidh trioblaidean lannsa.

Bidh cuimhne aig mòran air an t-Urramach MacMhathain mar shearmonaiche air leth: duine mòr agus bha meas mòr aig gu leòr air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag ràdh "Tha an Tighearna math, oh tha an Tighearna math" .

30 minutes

Broadcast

  • Sun 26 Nov 2023 21:00