Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1274
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamhh 1274. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 17 Dec 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 970
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1274
Duration: 05:00
Litir 1274: Dùghall Bochanan ann an Raineach (1)
Dh’inns mi dhuibh mu-thrà th mun bhà rd agus sgoilear Gà idhlig, Dùghall Bochanan. Rinn mi sreath chunntasan mun duine ann an Litrichean sia ceud, caogad ’s a ceithir (654) gu sia ceud, caogad ’s a h-ochd (658). Chaochail Bochanan aig aois caogad ’s a dhà (52) ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Bha e an sà s gu mòr ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh gu Gà idhlig.Â
Bu toigh leam a dhol air ais a choimhead air Dùghall a-rithist anns an Litir seo. Tha mi air a bhith a’ toirt sùil air leabhar mu sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh ‘Schiehallion’ fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905). B’ e am ministear ann an Ceann Loch Raineach, an t-Urr. Iain Mac na Ceà rdaich, a sgrìobh an leabhar.Â
Ged a rugadh Dùghall anns an Iomaire Riabhach no Strathyre, faisg air Both Chuidir, chaidh e a theagasg ann an Raineach. Bha grà dh mòr aig daoine air anns an dà sgìre. Feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh a’ Ghà idhlig là idir ann an Siorrachd Pheairt agus Na Tròisichean aig an à m sin.Â
Tha Mgr Mac na Ceà rdaich ag innse dhuinn nach b’ urrainn duine na b’ fheà rr fhaighinn mar mhaighstir-sgoile ann an Raineach. Bha a’ Ghà idhlig aig Dùghall sà r-mhath, mar a bha a chuid Beurla. Agus bha e a’ cur sùim anns na sgoilearan aige. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Raineach airson seachd bliadhn’ deug. Airson trì bliadhn’ deug dhiubh sin bha e anns an sgoil ann an Druim a’ Chaisteil, sear air Loch Raineach. An uair sin, bha e ann an Ceann Loch Raineach airson ceithir bliadhna.
Nuair a nochd e ann an Druim a’ Chaisteil an toiseach, b’ e a’ chiad rud a rinn e gun deach e a thadhal air a h-uile pà rant anns a’ cheà rnaidh. Dh’iarr e orra an cuid cloinne a chur don sgoil. Cha do dh’aontaich a h-uile pà rant sin a dhèanamh. Ach fhuair Dùghall sgoilearan gu leòr – balaich agus clann-nighean.Â
Bha Gà idhlig a-mhà in aig a h-uile sgoilear aige. Cha robh Beurla aig gin aca. Thòisich Dùghall air Beurla a theagasg tro mheadhan na Gà idhlig. Chomharraich e gach rud anns an t-seòmar-sgoile agus rinn e cinnteach gun robh fios aig a’ chloinn dè a’ Ghà idhlig a bh’ orra. An uair sin thug e a’ Bheurla dhaibh air an son.Â
Chruthaich Dùghall seantansan beaga ann an Gà idhlig agus dh’iarr e air na sgoilearan an eadar-theangachadh gu Beurla. Cha robh iad a’ sgrìobhadh nam faclan an toiseach. Bhiodh sgilean sgrìobhaidh a’ tighinn na b’ fhaide air adhart.Â
Bha an t-oideachadh gu lèir dà -chà nanach. Gach rud a rinn na sgoilearan ann an Gà idhlig, bha aca ri eadar-theangachadh gu Beurla. Mar an ceudna, an rathad eile. Gach rud a bha iad a’ dèanamh ann am Beurla, bha aca ri eadar-theangachadh gu Gà idhlig.
Bha iad ag ionnsachadh cunntadh anns an dà chà nan. Agus, leis nach robh eadar-theangachadh dhen Bhìoball ann aig an à m, bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill ann am Beurla agus ga eadar-theangachadh gu Gà idhlig Siorrachd Pheairt.
Thathar ag innse dhuinn gun robh Dùghall rudeigin cruaidh anns an t-seòmar-oideachaidh ach gum biodh e a’ falbh a-mach a chluich cuide ris a’ chloinn anns an raon-chluiche. Mar sin, bha a’ chlann gu math measail air. Bidh tuilleadh agam mu Dhùghall Bochanan ann an Raineach an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; an t-Urramach Iain Mac na Ceà rdaich: the Rev John Sinclair; Both Chuidir: Balquhidder; Druim a’ Chaisteil: Drumchastle; Ceann Loch Raineach: Kinloch Rannoch; oideachadh: instruction; cunntadh: counting.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh: in translating the New Testament; bha grà dh mòr aig daoine air anns an dà sgìre: people in both areas loved him; feumaidh sinn cuimhneachadh: we must remember; gun robh a’ Ghà idhlig là idir ann an Siorrachd Pheairt agus Na Tròisichean aig an à m sin: that the Gaelic language was strong in Perthshire and the Trossachs at that time; nach b’ urrainn duine na b’ fheà rr fhaighinn mar mhaighstir-sgoile ann an Raineach: that it wouldn’t have been possible to get a better man as a schoolmaster in Rannoch; bha e a’ cur sùim anns na sgoilearan aige: he respected his pupils; b’ e a’ chiad rud a rinn e: the first thing he did was; gun deach e a thadhal air a h-uile pà rant anns a’ cheà rnaidh: that he went to visit every parent in the area; dh’iarr e orra an cuid cloinne a chur don sgoil: he asked them to send their children to the school; balaich agus clann-nighean: boys and girls; cha robh Beurla aig gin aca: none of them spoke English; chomharraich e gach rud anns an t-seòmar-sgoile: he pointed out everything in the schoolroom; dh’iarr e air na sgoilearan an eadar-theangachadh gu Beurla: he asked the pupils to translate them into English; bhiodh sgilean sgrìobhaidh a’ tighinn na b’ fhaide air adhart: writing skills would come at a later stage; bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill ann am Beurla agus ga eadar-theangachadh gu Gà idhlig Siorrachd Pheairt: they would be reading the Bible in English and translating it into Perthshire Gaelic; thathar ag innse dhuinn gun robh Dùghall rudeigin cruaidh: we are told that Dugald was a bit strict; a’ falbh a-mach a chluich anns an raon-chluiche: going out to play in the playground; bha a’ chlann gu math measail air: the children were very respectful of him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha a’ Ghà idhlig aig Dùghall sà r-mhath, mar a bha a chuid Beurla: Dugald’s Gaelic was excellent as was his English. Cuid here refers to his own particular command of the language. A chuid mhac = ‘his (particular) sons’. A cuid mhac = ‘her (particular) sons’. Dwelly’s dictionary gives a good account of ‘c³Ü¾±»å’ and its various meanings and uses.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Mar an ceudna, an rathad eile: likewise, the other way.
Broadcast
- Sun 17 Dec 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.