Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Shona NicGillFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun air a bhith còmhla rinn gach seachdain, a' toirt sùil air eunlaith a' gheamhraidh. San iris mu dheireadh aice, agus gu h-iomchaidh, b' e am brù-dhearg a th' aice.
Bha an còcaire Alasdair MacLeòid a' toirt sùil tron leabhar At Christmas We Feast, a sgrìobh Annie Gray mu bhiadh na Nollaige tro na linntean.
Rugadh agus thogadh cèiliche na seachdain, Jarek Kwiechien, neo Mgr Earraig, ann am baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainn, à ite mar a chanas e fhèin, a tha gu math coltach ris a' Ghà idhealtachd. Thug e a-mach a bhith na shagairt sa Pholainn, 's rinn e seachd bliadhna as An Ròimh far an tug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bhha e ag innse mar a thurchair dha a thighinn a dh'Alba 's e nis na Shagairt san Òban.
A bheil sibh math air dannsa-dùthcha neo am bi ar casan a dol an luib a chèile?! Bha ceud bliadhna ga chomharrachadh bho chionn ghoirid, bho chaidh Comunn Dannsa-dùthcha na h-Alba a chur air chois. Seo an t-à m dhen bhliadhna a bhios gu leòr ga fheuchainn 's chula sinn bho fheadhainn a tha an sàs ann am buidhnean dannsa-dùthcha.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Christmas Eve 2023 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal