Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1277
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1277. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 7 Jan 2024
13:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 973
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1277
Duration: 05:00
Litir 1277: Ionnsaighean-adhair ann an Ros an Iar
Dè na h-à iteachan ann an ceann an iar-thuath na Gà idhealtachd a dh’fhuiling ionnsaighean bhon adhar anns an Dà rna Cogadh? Uill, tha fhios agam co-dhiù gun do dh’fhuiling sgìre Loch Iubh, faisg air Geà rrloch. Bha Loch Iubh air a chleachdadh mar thèarmann airson luingeas. Agus, anns an Ògmhios naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1941), chaidh ionnsaighean a thoirt air bhon adhar ceithir no còig tursan.
’S e Junkers 88 a bh’ anns na h-itealain. Thà inig iad à Stavanger no Trondheim ann an Nirribhidh. Bha Nirribhidh an uair sin fo smachd na Gearmailt.Â
Tha e inntinneach gun tug an Luftwaffe ionnsaigh air Loch Iubh aig an à m sin. Bha Breatainn air sgur o bhith a’ cleachdadh Loch Iubh mar acarsaid airson longan-cogaidh mòra. Agus cha robh iad air tòiseachadh air Loch Iubh a chleachdadh airson nan conbhboidhean Artach a bha a’ dol don Ruis. Cha robh an Ruis agus a’ Ghearmailt nan nà imhdean fhathast. ’S ann anns a’ mhìos sin fhèin a thug a’ Ghearmailt ionnsaigh air an Aonadh Shòibhiatach.
Cha robh na h-ionnsaighean-adhair uabhasach soirbheachail. Air a’ chiad oidhche, bha na Gearmailtich dhen bheachd gun robh iad air boma a leigeil air long mhòr. Ach thug iad ionnsaigh, chan ann air soitheach ach air eilean. Tha Sgeir an Araig ann am meadhan an locha. Tha cumadh bà ta oirre. Aig an à m sin, bha seadaichean agus crainn oirre. Bha e air a bhith furasta gu leòr a bhith a’ smaoineachadh – aig leth-uair an dèidh uair anns a’ mhadainn – gur e long a bh’ innte.
Chan ann air an oidhche a ghabh a h-uile ionnsaigh à ite. Tha cuimhne fhathast aig feadhainn anns an sgìre air ionnsaigh tron latha. Bha na sgoilearan – aig Bun-sgoil Buail na Lùib faisg air an Allt-Bheithe – a’ cluich anns an raon-chluiche aig à m lòin.Â
Bha an t-itealan Gearmailteach cho faisg orra ’s gun robh a’ chlann a’ faicinn a’ phìleit. Smèid e orra agus smèid iadsan air ais. Bha am maighstir-sgoile às a bheachd mun ghnothach. Fhuair feadhainn de na sgoilearan strapadh airson a bhith a' smèideadh air an nà mhaid.
Agus, gu cinnteach, bha droch-rùn aig a’ phìleat. Leag e bomaichean air tè de na longan ann an Loch Iubh. Chaill e a thargaid – an Devon City – ach dh’fhuiling an soitheach-carago damaiste.
Rinn na h-ionnsaighean cron ach chaill an Luftwaffe grunn phlèanaichean. Bha gunnaichean-dìon trang nan aghaidh.
Gu h-annasach, chaill na Gearmailtich itealan ann an Ros an Iar còrr is trì bliadhna an dèidh sin. Bha sin anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1944). Dh’fhà g e Stavanger leis an amas fiosrachadh fhaighinn air an luingeas ann an Scapa Flow ann an Arcaibh. Ach chaidh cùisean ceà rr. Chaidh iad fada gu deas agus fhuair iad trioblaid leis an einnsean. Leum an ceathrar chriutha a-mach, a’ cur feum air na paraisiutan aca. Thà inig an t-itealan sìos faisg air Eilean Mhà rtainn air beul Loch a’ Bhraoin.
Cha do mhair beò ach aon duine – an t-einnseanair-iteil Unteroffizier Heinz Josaf. Tha dùil gun deach an triùir eile a chall aig muir. Gu fortanach dhà san, thà inig e sìos faisg air a’ chladach anns an Loch Bheag, deas air Loch a’ Bhraoin. Anns an ath Litir, innsidh mi dhuibh dè thachair dha an uair sin.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: itealain: aircraft (pl); conbhboidhean Artach: Arctic convoys; seadaichean agus crainn: sheds and masts; Eilean Mhà rtainn: Isle Martin; Loch a’ Bhraoin: Loch Broom; einnseanair-iteil: flight engineer; An Loch Beag: Little Loch Broom.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ionnsaighean bhon adhar anns an Dà rna Cogadh: attacks from the air in the Second [World] War; bha Nirribhidh fo smachd na Gearmailt: Norway was under the control of Germany; mar acarsaid airson longan-cogaidh mòra: as an anchorage for battleships; cha robh an Ruis agus a’ Ghearmailt nan nà imhdean fhathast: Russia and Germany were not yet enemies; a thug a’ Ghearmailt ionnsaigh air an Aonadh Shòibhiatach: that Germany attacked the Soviet Union; chan ann air soitheach ach air eilean: not on a vessel but on an island; tha cumadh bata oirre: it is the shape of a boat; bha e air a bhith furasta gu leòr a bhith a’ smaoineachadh gur e long a bh’ innte: it would have been easy enough to think she was a ship; bha na sgoilearan – aig Bun-sgoil Buail na Lùib faisg air an Allt-Bheithe – a’ cluich anns an raon-chluiche aig à m lòin: the pupils – at Bualnaluib Primary School near Aultbea – were playing in the playground at lunchtime; bha an t-itealan Gearmailteach cho faisg orra ’s gun robh a’ chlann a’ faicinn a’ phìleit: the German plane was so close to them that the children were seeing the pilot; smèid e orra agus smèid iadsan air ais: he waved to them and they waved back; bha am maighstir-sgoile à s a bheachd: the schoolmaster was livid; fhuair feadhainn de na sgoilearan strapadh: some of the pupils received the strap; dh’fhuiling an soitheach-carago damaiste: the merchant ship sustained damage; chaill X grunn phlèanaichean: X lost a number of planes; bha gunnaichean-dìon trang nan aghaidh: defensive guns were busy against them; leis an amas fiosrachadh fhaighinn air an luingeas ann an Arcaibh: with the aim of obtaining intelligence on the shipping in Orkney; leum an ceathrar chriutha a-mach: the four crewmen ejected themselves;Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ’S ann anns a’ mhìos sin fhèin a thug X ionnsaigh: it’s in that particular month that X attacked. Remember that we can start a sentence with ʼs ann when we want to emphasise something in particular – in this the month in question.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha Breatainn air sgur o bhith a’ cleachdadh Loch Iubh: Britain had stopped using Loch Ewe.
Broadcast
- Sun 7 Jan 2024 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.